Taghadh Chupa MhicAmhlaidh air fàire
- Air fhoillseachadh

Thèid an taghadh a dhèanamh airson Cupa MhicAmhlaidh 2013 Disathairne 15mh den Dùbhlachd.
Bidh an fharpais a' toirt còmhla nan ochd sgiobaidhean as fhèarr an dà chuid bhon cheann a tuath agus an ceann a deas anns na farpaisean lìge ann an 2012.
Às a' cheann a tuath thig Bail' Ùr an t-Slèibh', Lòbhat, An Gearasdan, Gleann Urchadain, Ceann a' Ghiuthsaich, Ceann Loch Seile, Cill Mhàillidh is Loch Abar.
Deas
À deas bidh Caol Bhòid, Inbhir Aora, Camanachd Bhòid, Camanachd an Òbain, Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal, Gleann Urchaidh, Taigh an Uillt is Ceilteach an Òbain.
Thèid an dà sgioba a shoirbheachas anns gach roinn an aghaidh a chèile sa chuairt dheireannaich aig Pairce Mossfield.
Bidh Gleann Urchadain a' cur dìon air an fharpais, a bhuannaich iad 'son a' chiad turais ann an 2012.
Pronnadh
Thug an sgioba à Druim na Drochaid pronnadh air Camanachd an Òbain 6-0 sa chuairt dheireannaich.
Ron a sin bha làmh an uachdair aig sgiobaidhean à deas son treis, is Inbhir Aora is Caol Bhòid a' glèidheadh trì tursan a-mach à ceithir eadar 2008 is 2011.
Cluinnear an taghadh airson farpais 2013 beò air Oban FM air rèidio is air-loidhne air an 15mh aig 6:00f.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2012