Coinneamhan Oighreachd nam Bagh

Na Bàigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chuir mòr-chuid anns na Bàigh is ann an ceann a deas na Hearadh taic ris an oidhirp mar thà

Thathas ag amas air buidheann-stiùiridh a stèidheachadh son coimhead ri Oighreachd nam Bàgh agus Eilean Bhearnaraigh a cheannach dhan choimhearsnachd.

Bidh coinneamhan san t-Òb, sna Bàigh agus ann am Bearnaraigh Diluain.

Bhòt mòr-chuid anns na Hearadh mar thà son gluasad air adhart ri oidhirp am fearann a ghabhail os làimh, is thèid beachd muinntir Bhearnaraigh iarraidh aig a' choinneimh an sin Diluain.

'S e dleasdanas na buidhne-stiùiridh rannsachadh a dhèanamh air dè dìreach a bhiodh an lùib an oighreachd a cheannach agus dè na buannachdan agus cnapan-starra a bhiodh ann dha na daoine.

Taghadh

Thèid triùir a thaghadh sna Bàigh, triùir san t-Òb agus aon duine ann am Bearnaraigh.

Chan fhaod bhòtadh ach feadhainn a tha a' fuireach air an oighreachd, agus feumaidh buill na buidhne a bhith a' fuireach air an oighreachd cuideachd.

Thèid cuideachd feadhainn eile le eòlas sònraichte a thoirt air a' bhuidhinn-stiùiridh fhathast airson cuideachadh leis an oidhirp an oighreachd a cheannach.

Bidh na coinneamhan ann Diluain ann an Talla an t-Òib, Ionad nam Bàgh agus ann an Talla Coimhearsnachd Bhearnaraigh agus tòisichidh iad aig 7.30f.

Chaidh iarraidh air nas urrainn de mhuinntir an àite a dhol dha na coinneimhean, ge bith a bheil iad ag aontachadh ris a' phlana neo nach eil.