Ceist a-nise mu Sgoil Dhùn Èideann

Sgoil Bhonnington
Image caption Bidh an sgoil deiseil air thoiseach air an ath-bhliadhna-sgoile.

Tha ceistean às ùr air èirigh mu cheannardan sgoiltean Gàidhlig, àn-dèidh do Chomhairle Dhùn Èideann sanas a chur a-mach a' sireadh ceannard airson na sgoil ùir a tha gu bhith anns a' bhaile.

Chan eil an sanas fhèin, a tha a' nochdadh ann am pàipearan-naidheachd, ag ràdh dad mu dhèidhinn comas labhairt anns a' Ghàidhlig a bhith aig a' cheannard.

Ach tha an tuairisgeul obrach a thèid a thoirt do thagraichean ag ràdh gum feum iad a bhith "air chomas conaltradh èifeachdadh a dhèanamh sa Ghàidhlig."

Tagradh

Tha BBC Alba a' tuigsinn gun deach sin a chur ann àn-dèidh tagradh bho Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann.

Bha a' chiad dhreach dhen tuairisgeul obrach - a chunnaic BBC Alba - ag ràdh gun robh e "miannaichte" tagraichean a bhith "fileanta" sa chànan.

Ach tha e coltach nach robh a' Chomhairle deònach a chur ann gum "feumadh" iad a bhith fileanta.

Air a' cheann thall, rinn a' Chomhairle agus Comann nam Pàrant rèite air a' chùis, airson 's gum feum an duine a gheibh an obair a bhith "air chomas conaltradh èifeachdadh a dhèanamh sa Ghàidhlig" ged nach fheum iad a bhith "fileanta."

Iomagain

Tha e ri thuigsinn gun robh iomagain air oifigearan comhairle gum faodadh cuidèiginn nach robh fileanta an toirt gu lagh airson a bhith a' dèanamh dì-meas orra nam biodh "fileanta" mar phàirt dhen tuairsigeul obrach.

Thuirt cathraiche Chomann nam Pàrant ann an Dùn Èideann, Jennifer Wright, gu bheil iad riaraichte leis na tha a' Chomhairle a' dèanamh, ged nach eil fileantas riatanach anns an t-sanas.

"'S e duine a bhios air chomas Gàidhlig a bhruidhinn a tha sinn an dùil fhaicinn anns an obair," thuirt i.

Dhearbh àrd-oifigear foghlaim na comhairle, Dàibhidh Wright, gun do cho-dhùin iad gun a ràdh gun robh "fileantas" deatamach oir gum faodadh cuideiginn ceistean laghail a thogail nan aghaidh nan robh iad a' faireachdainn gun robh dì-meas ga dhèanamh orra.

"Tha sinn fhin agus na pàrantan air an aon ràmh an seo agus 's e gun teagamh cuideiginn air chomas Gàidhlig a bhruidhinn a tha a dhìth oirnn", thuirt e.