Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Alba 's an Aonadh Eòrpach

Thuirt Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich gum feumadh Alba neo-eisimeileach ballrachd iarraidh as ùr anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt Jose Manuel Barosso, air a' phrògram HardTalk aig a' BhBC an-diugh, gu bheil e follaiseach gu laghail gum feum dùthaich a gheibh a neo-eisimeileachd àite iarraidh às ùr anns an aonadh. Tha sin a' dol an aghaidh beachd Phrìomh Mhinisteir na h-Alba, Ailig Salmond, a tha a' cumail a-mach nach cuireadh neo-eisimeileachd teagamh sam bith ann am ballrachd Alba san EU.

Drabastachd

Tha poilis a' ceasnachadh duine a tha na 60an, co-cheangailte ris an rannsachadh mu Jimmy Savile agus feadhainn eile. Chaidh an duine a thoirt gu stèisean poilis ann an ceann a deas Lunnainn sa mhadainn an-diugh far a bheil e ga cheasnachadh mu chasaidean co-cheangailte ri eucoir dhrabasta.

Drogaichean

Tha Buill-Phàrlamaid ag iarraidh sùil as ùr a thoirt air a' phoileasaidh airson dèiligeadh ri ana-chleachdadh dhrogaichean anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Comataidh Chùisean na Dùthcha ann an Taigh nan Cumantan ag ràdh nach eil an siostam a th' ann an-dràsta ag obair, agus gum bu chòir beachdachadh air siostam mar a th' ann am Portagal, far a bheil taic ga toirt do dhaoine a thèid a ghlacadh le glè bheag de dhrogaichean seach a bhith a' cur chasaidean nan aghaidh.

Fònadh Fuadain

Thuirt dithis phreasantair rèidio Astràilianach gur e briseadh-cridhe a th' ann dhaibh gun do chuir nurs làmh na beatha goirid an dèidh dhaibh fònadh dhan ospadal anns an robh Bana-dhiùc Chambridge an t-seachdain seo chaidh. Thug an dithis a' char às an nurs, Jacintha Saldanha, a chreid gur ann ris a' Bhànrigh agus ris a' Phrionnsa Teàrlach a bha ise a' bruidhinn. Chaidh ise fhaighinn marbh Dihaoine, trì là an dèidh dhi fiosrachadh a thoirt seachad mu shlàinte na bana-phrionnsa, a bha a' fulaing le tinneas na maidne.

Faslann

Thug Ministreachd an Dìon cùmhnant luach £1.2bn seachad airson an ceathramh bàt-aigeann san t-sreath Astute a bhios stèidhichte aig Faslann air Chluaidh. Tha an t-aonta a' glèidheadh nam mìltean chosnaidhean aig BAE Systems aig Barrow ann an Cumbria. Tha dà bhàt-aigeann Astute aig deuchainnean mara an-dràsta, agus tha an treas tè faisg air a bhith deiseil.

Murt Arcaibh

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air cùis an duine às Inbhir Nis a chaidh a dhìteadh airson murt ann an taigh-bìdhe ann an Arcaibh ann an 1994. Thuirt Bòrd Ath-sgrùdaidh na h-Eucorra an Alba gum bi iad a' coimhead air dìteadh Mhìcheil Rois ann an 2008, iarson Shamsuddin Mahmood a mharbhadh.