Coimisean na Coilltearachd "a' toirt chosnaidhean air falbh" bho Mhuile
- Air fhoillseachadh

Thathas a' cur às leth Coimisein na Coilltearachd gu bheil iad a' tarraing chosnaidhean air falbh bho Eilein Mhuile.
Tha an Coimisean a' cur £3m ri bhith a' togail cidhe ùir ann am Fisinis, às an gabh fiodh cur gu muillnean-sàbhaidh ann an Sasainn.
Tha dùil gun tòisich obair air a' chidhe ron Nollaig, agus gum bi e ri chleachdadh ro Shamhradh 2013, 's an obair air a dèanamh leis a' chompanaidh TSL Contractors, à Muile.
Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gun tig buannachdan às a' chidhe ùr do Mhuile, leis gum fosgail e margaidhean ùra airson stuth fiodha às an eilean, agus gun toir e lùghdachadh air cosgaisean giùlain, a thuilleadh air a bhith a' lùghdachadh na dh'fheumas de làraidhean a bhith air na rathaidean.
Luach a Bharrachd
Ach tha Andy Wightman, a tha ag iomairt agus a' sgrìobhadh a thaobh ghnothaichean fearainn, ag ràdh gum biodh e cus na b'fheàrr don eaconamaidh ionadail nan deadh am fiodh a ghiollachd san eilean, seach a bhith ga chur mìltean mòra air falbh airson sin.
"Saoilidh mise gu bheil ro-innleachd na coilltearachd ann an Alba ag amas air bun-structar a chur an sàs a leigeas leis a' mhaoin nàdarra a th' againn, na coilltean againn, a bhith air an toirt air falbh airson giollachd ann am factaraidhean mòra ann an ceann a deas na h-Alba, agus ann an Sasainn," thuirt e.
"Tha mi a' cur ceist an e seo an rathad ceart, oir le bhith a' cur na maoine nàdarra seo uile às àiteachan leithid Muile, tha sinn a' call cothrom cosnaidhean a chruthachadh ann am Muile.
"'S e mo bheachdsa, ma tha £3m agad ri chosg, chosgainnsa e air bun-structar giollachd a chur an sàs ann am Muile, a leigeas le fiodh Mhuile a bhith air a dhèanamh na rudan feumail ann am Muile," thuirt e.
Ann am postadh air a' bhlog aige, tha Mgr Wightman a' dèanamh coimeas eadar suidheachadh Mhuile, agus sgìre de mheudachd coltach ris ann an Nirribhidh, far a bheil luach a bharrachd ga chur anns an fhiodh, le bhith a' cleachdadh muilne-sàbhaidh bhig ionadail, seach a bhith a' reic an fhiodha air prìs nan craobhan fhèin.
Tha companaidh stèidhichte ann an Sjak Kommune ann an Nirribhidh, a' cruthachadh thaighean fiodha ann am factaraidh ionadail, 's iad a' cleachdadh dà mhuilinn-sàbhaidh bheag a th' anns an sgìre.
Tha mu 2,280 duine a' fuireach san sgìre, anns a bheil 9,500ha de choille.
Ann am Muile, tha 2,667 duine a' fuireach, agus timcheall air 10,000ha de choille choimearsalta a' fàs, a rèir Mhgr Wightman.