Rabhadh mu "legal highs" air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Chaidh luchd mòr de phacaidean stuth "legal highs" a ghoid à bùth ann an Inbhir Narrann.

Tha na poilis a' toirt rabhaidh, 's dragh orra gu bheil an stuth ma sgaoil a-nis sa choimhearsnachd, às dèidh mar a chaidh briseadh a-steach air a' bhùthaich air Prìomh Shràid Inbhir Narrann oidhche Dhòmhnaich.

Thuirt na poilis, ged a tha iad rin reic mar droga laghail, gu bheil rabhaidhean air na pacaidean nach bu chòir do mhac an duine an gabhail.

"Chan eil fhios dè na cunnartan a tha an lùib an stuth seo, ged a chanar "legal highs" riutha, gu h-àraid ma thèid am measgachadh le droga eile no le deoch-làidir," thuirt an Det Insp Briain MacAoidh.

"Faodar an stuth seo a chur ann am pacaid gu laghail, 's brand a chur orra, ach chan eil sin ri ràdh nach eil iad gu math cunnartach.

"Chomhairlicheamaid nach gabhadh duine stuth saiceo-ghnìomhail sam bith, agus gun iarradh duine a tha a' fulang às dèidh dhaibh sin a dhèanamh cùram meidigeach cho luath 's a ghabhas," thuirt e.

Tha na poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh, 's gun toir duine sam bith a gheibh grèim air an stuth a thoirt seachad dhaibh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh