Caley troimhe an Cupa na h-Alba

ICT is County Image copyright SNS
Image caption Bha oidhche shònraichte eile aig Billy MacAoidh.

Ghluais Caley Thistle Inbhir Nis air adhart dhan chòigeamh chuairt de Chupa na h-Alba às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ross County 2-1 air oidhche fhuar reòta aig Pàirce Chaledonian.

Chaidh sgioba Inbhir Nis air thoiseach le breab-peanais bho Bhilly MacAoidh às dèidh naoi mionaidean.

Stiùir MacAoidh am ball dhan lìon bho dhusan slat is Ross Tokely air Josh Meekings a leagail sa bhocsa.

Bha dà thadhal àlainn ann sa chiad gheama ann an Inbhir Pheofharain is thàinig fear eile son Ross County goirid ro leathach-slighe, oidhirp mhìorbhaileach bho Iain Vigurs bho 25 slat.

Sònraichte

Gu mì-fhortanach do Chounty chan fhada gus an robh tadhal sònraichte eile ann, ach 's ann do Chaley Thistle a chaidh e.

'S e MacAoidh a bh' ann a-rithist, a' stiùireadh a' bhuill seachad air Mark Brown bho thaobh a-muigh a' bhocsa, is an cluicheadar às Èirinn a Tuath a-nise air 13 tadhail a chur air an t-seusan seo.

Bha cothroman gu leòr aig County às dèidh sin ach cha b'urrainn dhaibh am ball a chur seachad air Antonio Reguero is chaidh Caley air adhart, is iad fhathast gun chall ann an trì geamaichean an aghaidh nan nàbaidhean aca air an t-seusan seo.

Bidh sgioba Inbhir Nis a-nise air falbh an aghaidh Chille Mheàrnaig san ath-chuairt.