Sgoil Chinn a' Ghiùthsaich dùinte

Chaidh Àrd-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich a dhùnadh, agus an togalach gun chumhachd an dealain, ceangail fòna, no teas.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm mu 11:30m, nuair a chunnacas toit a' tighinn bho bhocsaichean dealain ann an sgìre a th' air a dùnadh ri linn obrach a thathas a' dèanamh air an sgoil a leudachadh, luach £3.9m.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh an sgoil dùinte an còrr den t-seachdain, agus gun dèante co-dhùnadh Didòmhnaich co-dhiù fosgladh i Diluain.

Chaidh dannsa a bha gu bhith air a chumail oidhche Ardaoin airson nan sgoilearan as sine, a chur dheth gu Diciadain an ath-sheachdain.

Thuirt labhraiche às leth na Comhairle: "Bidh an sgoil dùinte Diardaoin agus Dihaoine fhad 's a leanas obair gus uèirichean dealain ùrachadh, gus cumhachd a thoirt air ais don togalach.

"Nì sinn measadh air an t-suidheachadh Didòmhnaich, feuch an gabh an sgoil fosgladh a-rithist Diluain, agus cumaidh sinn fios ri pàrantan agus sgoilearan mu mar a thèid a' chùis air adhart."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile