Pailteas salainn aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
SailleadhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha 67,532 tunna de shalann aig a' Chomhairle mu choinneimh a' Gheamhraidh seo.

Thuirt buidheann riaghlaidh Comhairle na Gàidhealtachd gun deach aca air buidseat a' Gheamhraidh airson nan rathaidean a chumail aig an aon ìre 's a bh' ann am bliadhnaichean eile, a dh'aindeoin "teannachaidh mhòir" a thaobh ionmhais.

Chuala coinneamh den Làn-Chomhairle madainn Diardaoin mu na tha ga dhèanamh an-dràsta airson ullachadh mu choinneimh droch shìde a' Gheamhraidh.

Chaidh innse do chomhairlichean gu bheil gu leòr anns a' bhuidseat de £4.7m a th' ann an-dràsta airson dèiligeadh ri geamhradh àbhaisteach, ach gun deach barrachd a chosg nan èireadh am feum.

Tha ceannardan na Comhairle ag ràdh gu bheil mu 60,000 tunna de shalann a dhìth airson rathaidean ionadail a chumail saor bho shneachda 's deigh.

Am bliadhna, tha iad ag ràdh, tha stòras de 67,532 tunna aca.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail, na h-Àrainneachd 's na Coimhearsnachd, Graham Phillips, gun robh cothrom air luchd-obrach, crainn-sneachda is làraidhean-saillidh aig an aon ìre bho chionn bhliadhnaichean, agus nach robh planaichean sam bith ann an t-seirbheis a lùghdachadh.

Thuirt e cuideachd cho taingeil 's a bha e às oidhirpean a rinn luchd-obrach na Comhairle, a bhios a' dol a-mach ge b'e dè an aimsir, airson na rathaidean a chumail sàbhailte don t-sluiagh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh