Cidhe Àird Mhèanais ga leasachadh

  • Air fhoillseachadh
Taobh an ear BharraighTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha strì air leantainn airson na h-obrach seo o 2005.

Tòisichidh obair leasachaidh air a' chidhe ann an Àird Mhèanais ann am Barraigh as t-Earrach.

Tha muinntir na sgìre air a bhith a' strì airson grunn bhliadhnaichean 's tha Comhairle nan Eilean Siar a-nis air taic-airgid £280,341 fhaighinn bho stòras a chaidh a' stèidheachadh le Riaghaltas Westminster, do choimhearsnachdan air a' chosta.

Cosgaidh an obair leasachaidh faisg air £1.5m.

"An rud as motha a tha ri dhèanamh, 's e gun tig e mun cuairt dhan taobh a tuath den ghob a th' ann," thuirt fear de chomhairlichean Bharraigh, Dòmhnall Manford.

"Agus gum bi àite dòigheil, fasgach ann, airson eathraichean a chumail, gu seachd àraid sa Gheamhradh, rud a bha a' dèanamh uiread de chron thar nam bliadhnaichean.

"'S e rud mòr a tha seo, gu bheil seo air a dhol troimhe. Tha sinn air a bhith a' strì air seo.

"Thàinig e gu ceann cho fada air ais ri 2005 às dèidh na stoirme.

"Gu dearbha bidh mi an dòchas gun tèid e a-mach gu tairgse sa mhionaid, agus gum bi e deiseil airson an obair a thòiseachadh tràth an ath-bhliadhna.

"Tha mi an dòchas gur e seo an geamhradh mu dheireadh far am bi an strì 's an t-eagal a th' air iasgairean mu na h-eathraichean a th' aca," thuirt e.