Luchd-obrach aiseige aig tuath air stailc
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-obrach feargach mu phlanaichean gus cosnaidhean a ghearradh.
Tha luchd-obrach bhàtaichean-aiseig nan Eilean a Tuath air a dhol air stailc.
Bhot buill de dh'aonadh an RMT, air slighean a dh'Arcaibh 's Sealtainn airson a dhol air stailc air diofar làithean 's slighean bho Dhihaoine.
Tha iad ag ràdh gu bheil Bàtaichean-Aiseig Serco Northlink airson obraichean a ghearradh.
Ach, tha a' chompanaidh ag ràdh nach eil iad an duil daoine a chur a-mach às na h-obraichean aca an aghaidh an toil, 's gun dèan iad a h-uile oidhirp gus slighean deatamach a chumail a' dol.
Chan e seo an aon stailc am measg luchd-obrach còmhdhail ann an Alba air a' mhìos seo.
Thàinig e am bàrr Diardaoin gu bheil cuid de luchd-obrach Scotrail an dùil a dhol air stailc air an 22na 's an 24mh an Dùbhlachd.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh