HIE
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

A' Ghàidhealtachd Ioma-chultarail

14 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha a' Ghàidhealtachd 's na Eileanan gu bhith ioma-chulturail agus ioma-chànanach anns an àm ri teachd.

Sin an dealbh a tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a' cur far comhair.

Bhiodh sin a' gabhail a-steach in-imrich à culturan agus à dùthchannan eile, ach cuideachd barrachd Gàidhlig.

Tha iad airson an cànan a bhrosnachadh anns an eaconamaidh.

Tha seo uile a' nochdadh ann am Plana ùr na Gàidhlig aig HIE.

Tha an aithris seo aig Dòmhnall Moireasdan.