Muinntir Dhòrnaich airson taigh-cùirte a ghlèidheadh

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Siorraidh, Inbhir NisTùs an deilbh, john allan/geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Dheadh obair an dà thaigh-chùirte uile a chur a dh'Inbhir Nis.

Bhiodh ionndrainn mhòr air taigh-cùirte Dhòrnaich nan dùineadh e, am beachd an Urr. Donnchadh MacLeòid.

Bha esan a' bruidhinn air an naidheachd gu bheil Seirbheis Cùirte na h-Alba a' coimhead air dà thaigh-cùirte air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh, fear dhiubh ann an Dòrnach agus fear eile ann an Inbhir Pheofharain.

Tha an t-Urr. MacLeòid ag ràdh gu bheil a' choimhearsnachd gu math mì-thoilichte mu na planaichean.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil feum air àite den t-seòrsa seo, gu h-àraid ann an Dòrnach, oir 's e a th' ann an Cataibh ach sgìre mhòr fharsainn," thuirt e.

Cosgaisean Beaga

"Agus tha aig daoine ri siubhail mìltean mòra airson faighinn gu àiteachan mar taigh-cùirte.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e dìreach sgriosail iad a bhith a' bruidhinn air a dhùnadh.

"Cha toir e buaidh ro mhòr air an eaconamaidh san fharsainneachd, ach dìreach daoine gu pearsanta.

"'S dòcha gum bi obair no dhà cuideachd a bhios air an call ri linn.

"Tha an taigh-cùirte seo air a bhith ann an seo bho chionn fhada, agus thathas a' faicinn gur e a th' ann an seo ach dìreach rud eile a thathas a' feuchainn ri toirt air falbh às a' choimhearsnachd.

"Mar as motha a tha iad a' feuchainn ri cùisean a thoirt ri chèile sna bailtean mòra, 's ann as motha a tha iad a' lagachadh nam bailtean beaga.

"Nuair a tha goireasan den t-seòrsa seo air a bhith sa choimhearsnachd o chionn linntean, feumaidh adhbhar glè mhath a bhith aca airson a thoirt air falbh, no bidh a' choimhearsnachd gu math diombach.

"Chan eil an taigh-cùirte ga chleachdadh cho tric sin, ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil cosgaisean mòra an lùib a bhith ga chleachdadh dìreach dhà no trì thursan sa mhìos.

"Tha mi a' smaointinn gur e cosgaisean gu math beag a th' ann an sin an taca ri cosgaisean eile a dh'fhaodadh iad sùil a thoirt air," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh