Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stailc na Rèile

Dh'innis an t-aonadh RMT gum bi an treas là de stailc air seirbheisean rèile ro là na Nollaige. Bidh stailc air seirbheisean a tha a' ceangal Alba ri Sasainn, a bharrachd air prìomh loidhne a' chosta an iar 's a' chosta an ear, seachdain bho an-diugh, an 21mh là den mhìos. Tha sin a thuilleadh air stailc aig Scotrail air an 22na, agus an 24mh.

Màiread Moran

Chaidh òrdan cùirte fad dà bhliadhna air Màiread Moran, a bha na Ball-Pàrlamaid Làbarach do sgìre chinn a deas Luton, airson foill le a cosgaisean Pàrlamaid. Ghabh ise còrr is £53,000 nach bu chòir dhi. Tha pàirt den òrdan cùirte a' ciallachadh gum feum Ms Moran, a tha 57 bliadhna de dh'aois, comhairleachadh fhaighinn. Tha slàinte inntinn Ms Moran a' ciallachadh nach tàinig oirre a dhol mu choinneimh na cùirte.

Sìona

Thug duine ann an Sìona ionnsaigh le sgithinn air còrr is 20 leanabh agus aonar inbheach aig bun-sgoil ann am meadhan na dùthcha sa mhadainn an-diugh. Chaidh na h-uidhir de chloinn a thoirt dhan ospadal, agus dithis dhiubh co-dhiù air an droch leòn. Chaidh duine a tha 30 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim.

Sgìrean Glèidhte Mara

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh plana an-diugh airson lìonra de sgìrean glèidhte mara MPA mu chladaichean na h-Alba. Tha an Riaghaltas a' coimhead ri dìon a chur air 32,000 mìle ceàrnagach de sgìre mhara na h-Alba.

Moira Jones

Fhuair Poilis Shrath Chluaidh cead dust a thogail às an uaigh ann an seann chladh Monklands, 's iad a' rannsachadh bàs nighean sgoile bho chionn còrr is 50 bliadhna. Chaidh Moira Jones, a bha 11, a dhìth ann an Coatbridge an Siorrachd Lannraig ann an 1957, agus tha na Poilis den bheachd gun deach a murt, agus a thiodhlacadh san t-seann chladh.

SGL Carbon Fibres

Dh'innis companaidh SGL Carbon Fibres a tha a' toirt cosnaidh do chòrr is 200 duine air a' Bhlàr Dhubh air taobh sear Rois, gu bheil cunnart ann gum feum iad obraichean a ghearradh, leis nach eil iad a' reic uidhir 's a bha iad. Thuirt luchd-stiùiridh SGL gu bheil iad a' bruidhinn ris an aonadh mu dhòighean air airgead a chùmhnadh. Tha iad ag ràdh gum b'fheàrr leotha uairean obrach a ghearradh, ach gur dòcha gum feum iad air a' cheann thall àireamh bheag de chosnaidhean a ghearradh.