Piseach air eaconamaidh Earra-Ghàidheal?
- Published
Eadar cumhachd na gaoithe, cumhachd na mara agus saidheans tha cuid dhen bheachd gum faodadh an gnìomhachas togail a thoirt air sgìre nach eil cho math dheth a thaobh ionmhais.
Nochd beachd gum faodadh cumhachd ath-nuadhachail beartas a thoirt do dh'Earra-Ghàidheal mar a thug gnìomhachas na h-ola beartas dhan Chosta an Ear.
Tha stiùiriche Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, an Comh. Ruairidh MacCuthais ag aontachadh gur e rud cudromach a th' ann dhan sgìre.
Tha iomadach leasachadh inntinneach a' dol air adhart air feadh Earra-Ghàidheal.
Tuath-gaoithe far chosta Eilean Thiriodh
Thathas am beachd tuath-gaoithe mòr a thogail far chosta Eilean Thiriodh - rud a tha gu math connspaideach.
Dh'fhaodadh suas ri 300 crann-gaoithe a bhith air an togail faisg air an Sgeir Mhòir.
Tha cuid draghail gun dèan na crainn-ghaoithe milleadh air an àrainneachd agus gun toir sin buaidh air turasachd.
Ach dh'fhaodadh an leasachadh seo obraichean a thoirt do dh'àite iomallach.
Thàinig fios bho chionn ghoirid ge-tà, gun tig dàil de bhliadhna sa phròiseact.
Tha Scottish Power Renewables ag iarraidh coimhead gu dlùth air sgrùdadh a rinn SNH air an àrainneachd.
Tha iad cuideachd a' beachdachadh air an àireamh de chrainn-ghaoithe a lùghdachadh.
Chan eil e coltach gun cuir iad iarrtas dealbhachaidh a-steach mus bi referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba ann ann an 2014.
Cumhachd na mara an Ìle
Air Eilean Ìle chaidh a' chiad stèisean cumhachd tuinn coimearsalta a thogail ann am Port na h-Abhainne.
Thathar an dùil gun tèid a' chiad stèisean coimearsalta airson cumhachd an làin a chur ann an Caolas Ìle ann an 2014.
Tha an sruth ann an Caolas Ìle cho làidir is gu bheil e a' putadh an aiseig a-null a Dhiùra gu aon taobh.
Às dèidh mar a chaidh deuchainnean a dhèanamh air innealan cumhachd na mara ann an Caolas Arcaibh tha Scottish Power Renewables den bheachd a' chiad stèisean cumhachd sruth na mara a thogail an seo.
Thathar am beachd deich innealan a chur dhan mhuir a chruthaicheas deich megawatt de chumhachd - gu leòr gus dealan a chumail ri Eilean Ìle air fad.
Aon uair agus gu bheil na h-innealan fon mhuir thathar an dùil nach bi cus buaidh aca air an àrainneachd.
Tha e na amas dha Riaghaltas na h-Alba gun tig 50% dhen chumhachd a tha a dhìth air an dùthaich bho chumhachd ath-nuadhachail ron bhliadhna 2015 agus an cumhachd air fad ron bhliadhna 2020.
Connadh à feamainn
Tha am pròiseact Biomara aig Ionad Saidheans Mara na h-Alba a' coimhead ri mar a ghabhadh feamainn a chleachdadh gus connadh a chruthachadh.
Thathas mar-thà a' cleachdadh etanol ann an càraichean ach is e a' cheist a th' ann an gabhadh barrachd feum a dheanamh dheth.
Bha iad an toiseach airson siostam eigeòlais na feamad a thuigsinn.
Bidh eòin a' biadhadh air cuileagan is eile a tha beò anns an fheamainn.
Ann an cuid de dh'àiteachan bidh croitearan cuideachd a' dèanamh feum mhòir den fheamainn air na cladaichean.
Leis an sin thathar den bheachd nach biodh e freagarrach mòran den fheamainn a thoirt air falbh bho na cladaichean.
'S ann a thathar a' coimhead air mar a ghabhadh a fàs.
Aig Ionad Saidheans Mara na h-Alba ann an Dùn Staifhinis, bhathar cuideachd a' coimhead air meanbh-algaich.
Tha iad air tuigse nas fhèarr fhaighinn orra.
Fhuair eòlaiche a-mach gu bheil tòrr siùcair ann am feamainn donn is gu bheil sin gu sònraichte feumail gus etanol a chruthachadh leis an gabhadh connadh a dhèanamh.
Thèid an obair a-nis a thoirt air adhart aig ìre choimearsalta.
Tha am pròiseact Biomara dìreach air a thighinn gu crìch.
Cumhachd na gaoithe
Bidh Wind Towers Eta ann am Machaire Shànais a' togail chrann-gaoithe.
Chaidh ainm na companaidh atharrachadh grunn thursan agus i a-nis a' buntainn do SSE.
Is coltach gu bheil cùisean a' dol gu math dhaibh.
Tha a' chompanaidh Greenpower a' togail tuath-gaoithe an-dràsta aig Carraig Gheal faisg air Loch Obha.
Chaidh na crainn-ghaoithe a thogail le Wind Towers Eta.
Ach chan ann a-mhàin sna h-Eileanan Siar a tha duilgheadasan le càbal dealain nach eil mòr gu leòr. Dh'fhaodadh sin maill a chur air pròiseactan ann an Earra-Ghàidheal cuideachd.
Bidh connspaid tric a' cuairteachadh thuathan-gaoithe.
Ann am Machaire Shànais chuirear stad air leasachadh de sheòrsa.
Tha na diofar phròiseactan seo a' sealltainn gu bheil cothrom ann gun toir cumhachd ath-nuadhachail piseach air eaconamaidh sgìre Earra-Ghàidheal.
Bidh sluagh na sgìre an dòchas gun tèid èisteachd ris na draghan aca agus gum faigh iad buannachd às na leasachaidhean seo.