Puing le chèile do ICT is County

Caley Thistle Image copyright SNS
Image caption Cluicheadaran Caley Thistle a' dèanamh ghàirdeachais is iad dìreach air a dhol air thoiseach 4-3. Cha robh an gnothach seachad ge-tà.

Thog an dà sgioba Gàidhealach sa Phrìomh Lìog puing sna geamaichean aca air an deireadh-sheachdain, is iad le chèile a' tilleadh air ais às dèidh dhaibh tuiteam air dheireadh.

Ann an geama aibheiseach aig Tannadice bha Caley Thistle 3-0 air deireadh is dìreach ochd mionaidean air an cluich.

Chuir Josh Meekings am ball dhan lìon aige fhèin às dèidh chòig mionaidean, agus bu ghann gun robh an geama air tòiseachadh a-rithist mus robh tadhal eile aig United.

A-rithist rinn Caley cùisean doirbh dhaibh fhèin.

Dh'fheuch Graeme Shinnie ris a' bhall a bhualadh air ais sìos a' phàirc nuair a bha a h-uile coltas ann gun robh còir aige a stiùireadh air ais dhan fhear-ghlèidhidh aige, Antonio Reguero.

Neònach

Bhual oidhirp Shinnie far Jon Daly agus chaidh e seachad air Reguero - tadhal neònach.

Cha robh dad neònach mun ath-tadhal dà mhionaid às dèidh sin, Rudi Skacel a' faighinn a' bhuill le pailteas rùm is stiùir e seachad air Reguero e.

Bha sgioba Inbhir Nis air feadh an àite is thàinig United faisg air tadhal eile dhà no trì tursan.

Cha do ghabh United na cothroman is fhuair Inbhir Nis iad fhèin air ais dhan gheama is 26 mionaidean air a' ghleoc, Billy MacAoidh a' cur a' bhuill a-steach le a cheann às dèidh breab-oisein.

Dà mhionaid às dèidh sin chuir MacAoidh oidhirp eile a-staigh, bho bhreab-oisein a-rithist, is chaidh na sgiobaidhean a-steach aig letheach-ùine le United air thoiseach 3-2.

Iongantach

Dìreach às dèidh na h-uaireach chuir MacAoidh an treas tadhal aige den fheasgair bho bhreab-peanais agus gu h-iongantach bha Caley Thistle air ais aig 3-3.

Cha robh an gnothach seachad aige sin oir chaidh sgioba Terry Butcher an uair sin air thoiseach le ceithir mionaidean air fhàgail, tadhal bho Gary Warren.

Dìreach nuair a bha coltas ann gun robh ICT air buaidh ainmeil fhaighinn ge-tà chaidh breab-peanais a thoirt gu United is an reitire den bheachd gun do làimhsich Richie Foran am ball sa bhocsa.

Chuir Daly am ball dhan lìon agus chrìochnaich an geama 4-4 is Caley Thistle mì-chinnteach an robh iad air puing a chosnadh no dà phuing a thilgeil air falbh.

Cha robh cùisean builleach cho beòthail ann an Inbhir Pheofharain far an robh Ross County a' cluich Dhùn Dè.

Àlainn

'S iad sgioba Pàirce Dens a fhuair a' chiad tadhal den fheasgar agus Iain Davidson le oidhirp àlainn ann an 37 mionaidean.

Ghabh County làmh an uachdair san darna leth is mu dheireadh thall fhuair iad air ais co-ionnan às dèidh 74 mionaidean, Gary Glen le tadhal son Chounty son a' chiad uair bho ghluais e bho Hearts.

Thàinig balaich Derek Adams an uair sin fìor fhaisg air an geama a bhuannachadh, oidhirp bho Ridseard Brittain a' bualadh air a' phost le dìreach diogan air fhàgail.

Chrìochnaich an geama 1-1 ach bidh County nas riaraichte le puing is iad fhathast 6 puingean air thoiseach air Dùn Dè a tha aig bonn na lìge.