Àireamh-sluaigh nan Eilean Siar air èirigh
- Air fhoillseachadh

Chaidh àireamh an t-sluaigh anns na h-Eileanan Siar agus ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd an-àirde anns na deich bliadhna mu dheireadh, a rèir fhiosrachaidh oifigeil bhon Chunntas-Sluaigh.
Anns na h-Eileanan Siar, chaidh an an t-àireamh-sluaigh suas mu 1,500 eadar 2001 agus 2011, gu 28,000. 'S e 26,502 duine a bha anns na h-Eileanan ann an Cunntas-Sluaigh 2001.
Tha an t-àireamh ùr, a dh'fhoillsich Àrd-Fhear-sgrùdaidh na h-Alba Diluain, stèidhichte air an fhiosrachadh a fhuair iad às a' Chunntas-Shluaigh anns a' Mhàrt 2011, ach 's e tuairmse a th' annta aig an ìre seo gus an tig àireamhan nas mionaidiche a-mach an ath-bhliadhna.
Tha àireamhan nan Eilean a' dol an aghaidh na bha Comhairle nan Eilean Siar a' smaoineachadh a thachradh, 's iad a' dèanamh dheth gu bheil na h-eileanan air a bhith a' fulang le daoine a' fàgail na sgìre air sgàth dìth cosnaidh anns na bliadhnaichean mu dheireadh, agus àireamh na cloinne anns na sgoiltean air a bhith a' tuiteam.
Deagh Naidheachd
Anns na tuairimsean oifigeil mu dheireadh a dh'fhoillsich a' Chomhairle fhèin ann an 2011, bha iad a' dèanamh dheth gun robh àireamh an t-sluaigh anns na h-Eileanan air tuiteam 1.4% eadar 2001 agus 2011.
Ach 's ann a tha na tuairimsean ùra seo bhon Chunntas-Shluaigh a' cumail a-mach gun deach sluagh nan Eilean Siar an-àirde 5.6% anns na deich bliadhna sin. Tha sin barrachd air àireamh-sluaigh na h-Alba anns an fharsaingeachd, a tha air a dhol suas 4.6%.
Chaidh sluagh na Gàidhealtachd suas 23,000. 'S e 208,914 a bha a' fuireach ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd ann an 2001, ach tha an t-àireamh ùr airson 2011, a thàinig a-mach Diluain, ga cur aig 232,000. Tha sin an-àirde 11%
Thuirt Ceannard na Comhairle, Drew Hendry, "Tha an t-àrdachadh seo ann ann an àireamh an t-sluaigh na dheagh naidheachd do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd. Tha an h-àireamhan a' dearbhadh gu bheil an sgìre a' dèanamh math a' cumail an t-sluaigh ach cuideachd a' tàladh dhaoine dhan sgìre.
Ach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, tha an t-àireamh air tuiteam - sìos 3,000 thairis air na deich bliadhna, bho 91,306 ann an 2001 gu 88,000 ann an 2011.
Ann an Alba air fad, bha àireamh an t-sluaigh aig an ìre as àirde a-riamh - còrr 's 5,200,000 - suas còrr 's 200,000, no 4.6%.
Thog Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, teagamhan mu cho math 's a tha an naidheachd do na h-Eileanan ge-tà.
"Tha sinn a' cur fàilte air àrdachadh sam bith, ach feumaidh sinn a thuigsinn cò às a tha seo a' tighinn," thuirt e.
"Feumaidh sinn tuilleadh fiosrachaidh. Tha na h-àireamhan a tha a' dol dhan sgoil gach bliadhna a' tuiteam.
"Ma 's e seann daoine a tha seo thig na cosgaisean cùraim againn an-àirde," thuirt e.