Bliadhna na h-iomain ann an dealbhan

  • Air fhoillseachadh
Bail' Ùr an t-Slèibh is Loch Abar
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Bail' Ùr an t-Slèibh fada ro làidir son Loch Abair sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàimhais san Òg-Mhìos is iad a' buannachadh 5-1 air là fliuch, mosach aig Pàirc a' Bhucht. Bha am Bail' Ùr air thoiseach 2-0 ann an 15 mionaidean is an gnothach an ìre mhath seachad. Deagh leasan do Loch Abar, is thug iad geama nas fhaisge dhan Bhail' Ùr nas fhaide air adhart san t-seusan, a' call dìreach 1-0 ann an Cupa na Camanachd. Taing do Neil G Paterson is Comann na Camanachd son an deilbh.
Inbhir Aora
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh a' chuairt dheireannach de Chupa Comunn Ceilteach Ghlaschu eadar Inbhir Aora is Taigh an Uillt a chur dheth an toiseach is pàirc spaideal ùr Shrath Chura fo uisge. Chaidh an geama air adhart an ath-sheachdain agus b' iad na tadhail a bha a' frasadh a-staigh an uairsin - Inbhir Aora a' glèidheadh 14-0. Là doirbh do Thaigh an Uillt sa chiad uair aca ann an cuairt dheireannaich na farpais. Taing do Lee Bremner son an deilbh seo.
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Loch Abar air ais ann an cuairt dheireannach san Iuchar agus an turas seo 's iad fhèin a thug seachad droinneadh - 5-1 air a' Mhanachainn ann an Srath Pheofhair. Cha b'e Cupa a' Bhaile Mhòir an duais mu dheireadh a thog sgioba Drochaid an Aonaichean nas motha, bhuannaich iad Lìog 1 a Tuath is bidh iad air ais aig an ìre as àirde ann an 2013. Taing do Neil G Paterson is Comann na Camanachd son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
San Iuchar bhuannaich an darna sgioba aig Bail' Ùr an t-Slèibh Cupa an t-Sutharlanaich 5-4 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich. Gu tàmailteach, thàinig e am bàrr às dèidh làimh gun do chleachd cluicheadar nach robh còir a bhith a' cluich san iar-chuairt dheireannaich agus sa chuairt dheireannaich. Chaidh an geama a chluich a-rithist, an turas seo eadar Ceann a' Ghiuthsaich agus Gleann Urchadain, agus 's e Ceann a' Ghiuthsaich a fhuair an cupa air a' cheann thall is iad a' glèidheadh 2-0.
Fo-thiotal an deilbh,
Bha a' ghrian a' deàrrsadh air Gleann Urchadain san Lùnasdal nuair a thug iad pronnadh air Camanachd an Òbain 6-0 gus Cupa MhicAmhlaidh a thogail. B'e a' chiad duais aig an ìre seo a bhunnaich iad. Bha connspaid às dèidh làimh nuair a chaidh an cupa a bhristeadh ach chuir an Gleann ceart e is chuir iad cliù a' chuba ceart cuideachd le bhith a' togail na mìlltean notaichean son charthannais ro dheireadh an t-seusain
Fo-thiotal an deilbh,
'S e là mòr Earra-Ghàidheal a bh' ann aig Cuairt Dheireannach Chupa na Camanchd san t-Sultuin is seann nàimhdean Caol Bhòid is Inbhir Aora a' coinneachadh aig an ìre seo son a' chiad uair. Bha sluagh mòr an làthair is chunnaic iad geama sònraichte le 11 tadhail uile gu leìr. Taing do Neil G Paterson is Comann na Camanachd son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
'S iad Caol Bhòid a rinn a' chùis 6-5 aig a' cheann thall às dèidh dhaibh a bhith air deireadh 4-2 is 5-3. Geama air leth agus prìomh dhuais na camanachd air ais ann an Taigh na Bruaich son a' chiad uair bho 1994. B'e Ruairidh Dòmhnallach sàr chluicheadar an là le ceithir tadhail. Briseadh-cridhe do dh'Inbhir Aora a chuir 19 tadhail deug ann an dà chuairt dheireannach is nach do bhuannaich ach aona dhuibh. Taing do Neil G Paterson is Comann na Camanachd son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Seachdain às dèidh sin thog Bail' Ùr an t-Slèibh am Prìomh Lìog son an treas bliadhna ann an sreath. Abair dòigh fhreagarrach sòraidh slàn a radh ris a' mhanaidsear aca, Tormod 'Brick' MacArtair, a bha air am Bail' Ùr a stiùireadh air ais gu mullach na spòrs. Bidh Pòl Iain Mac an Toisich os cionn na sgioba ann an 2013. Taing do Neil G Paterson is Comann na Camanachd son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir na geamaichean eadar-nàiseanta crìoch air an t-seusan. Bha làmh an uachdair aig Èirinn aig Pàirc a' Bhucht far an do bhuannaich iad 25-19, ach bha dòchas co-dhùibh aig Alba le dà thadhal anmoch sa gheama. Taing do Neil G Paterson is Comann na Camanachd son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
'S ann a bha cinn ghoirt aig na h-Albannaich ann an Clàr an ath-sheachdain ge-tà far an do dh'fhuiling iad pronnadh uamhasach, 51-23. Bidh Tormod Caimbeul agus an sgioba aige gu mòr airson sin a chur ceart ann an 2013. Taing do Neil G Paterson is Comann na Camanachd son an deilbh.