Am Bàthadh Mòr

  • Air fhoillseachadh
Port NisTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
B'e madainn mhath a bh' ann nuair a dh'fhàg na h-eathraichean Port Nis...

'S tric a chluinnear iomradh air daoine a bhith air am bàthadh ann an òrain nan eilean.

Sna linntean a chaidh seachad, le daoine a' siubhail 's a' falbh a dh'iasgach còmhla ann an eathraichean fosgailte gun ach ràmhan agus siùil, 's gun uidheamachd ghleansach an là an-diugh ri an cuideachadh, b'e rud cumanta a bh' ann do mhuinntir nan eilean, agus na h-oirthire.

Bidh e a' tachairt fhathast, ach tha tubaistean sam bàthar àireamhan mòra de dhaoine, gu fortannach, gann san là a th' ann.

Uaireannan ann an eachdraidh nan sgìrean a tha an cois na mara, cluinnear mu rudan a bheireadh do chridhe asad, agus buille obann ga thoirt air coimhearsnachd air fad, le bochdainn, a thuilleadh air bròn, ag èirigh às.

Madainn mhath

Air 18mh an Dùbhlachd 1862, thachair an leithid ann an Nis, nuair a chaidh 31 fireannach a bhàthadh, a' fàgail 24 boireannaich nam banntraich, agus 71 de leanaban fhàgail gun athair.

Tha Tormod Mac a' Ghobhainn, a tha na eòlaiche air eachdraidh Nis, den bheachd gun tug an tubaist buaidh na bu mhotha air an sgìre, na bha tubaist mhòr an Iolaire gus toirt ann an 1919.

"Tha mise a' smaoineachadh nach do ghabh càil àite riamh ann an sgìre Nis a thug uimhir de bhuaidh, agus a dh'fhàg làrach cho mòr air sgìre Nis ris a' bhàthadh a bha seo ann an 1862," thuirt e.

"Bha sinn riamh a' cluinntinn gur e madainn mhath a bh' ann nuair a dh'fhalbh iad às a' phort, à Port Nis.

"Ach cha robh an aimsir fada gun atharrachadh an dèidh dhaibh falbh.

"Agus bha an duine a bha seo, Ruairidh Ruadh às na Còig Pèighinnean, cha deach e fhèin a-mach an là sin, 's bha e a' toirt comhairle air feadhainn eile gun a dhol a-mach.

"Co-dhiù, chaidh iad a-mach.

"Chan eil cinnt againn cho fad 's is aithne dhomhsa, air co mheud eathair a bha a-muigh air an là sin idir.

"Tha fhios againn gun deach còig eathraichean, le sianar de chriutha anns gach eathair a chall, agus aon bhalach òg eile às an eathair a ràinig Tìr Mòr.

"Co-cheangailte ris na sgeulachdan, bhiodh sinn a' cluinntinn, fear nach robh airson fuireach a-muigh, fear a chaidh a-mach, agus cha robh an aimsir a' còrdadh ris, gun do thill e dhan phort, fear à Tàbost.

"Agus gun do dh'èigh e air fear eile à Tàbost "Tha mis' a' dol a dhèanamh air a' phort."

"Gun do dh'èigh am fear èile à Tàbost, nàbaidh dha, "cha bhi mise fada às do dhèidh."

"Ràinig a' chiad fhear am port, ach cha do ràinig am fear eile am port a-riamh," thuirt e.

Bochdainn 's carthannas

Do na teaghlaichean a chaidh fhàgail às dèidh na tubaiste, cha b'e bàs nam fear a-mhàin a bha iad a' caoidh. Aig an àm a bha sin, cha robh na sochairean agus an taic a th' ann an-diugh rim faotainn idir.

Bha daoine a' tighinn beò à bàrr na talmhainn, agus às an iasgach - ach b'e obair nam fear a bh' anns an iasgach, 's bha pàirt mòr aige ann a bhith a' cumail bìdh, agus airgid, ri teaghlaichean.

Cha b' ann gun charthannas a bha muinntir na dùthcha ge-tà.

"Bha sin gam fàgail ann am bochdainn sònraichte, co-cheangailte ri ciamar a bha iad gu bhith beò às dèidh na tubaiste a bha seo.

"Chaidh lorg againn air gun robh daoine còir, beagan às an eilean, ach mòran dhiubh air Tìr Mòr, a chruinnich tòrr airgid airson cuideachadh nam mnàthan agus nan teaghlaichean a bha sin.

"Tha lorg againn air gun deach faisg air £1,000 a chruinneachadh. Ach 's ann gu sònraichte à Tìr Mòr a chaidh sin a chruinneachadh airson cuideachadh le na teaghlaichean a bha sin às dèidh a' chaill shònraichte a bha seo san sgìre," thuirt e.

Cluinnear barrachd bho Thormod agus Iain MacIlleathain mun Bhàthadh Mhòr, agus bàthaidhean eile ann an sgìre Nis, air Radio nan Gàidheal, Dimàirt 18mh an Dùbhlachd aig 1:30f agus, a-rithist aig 10:00f. Bidh cothrom eile ann am prògram a chluinntinn Là na Sàbaid aig 10:00m.