Leasachadh an Druim na Drochaid

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,
Bhiodh an leasachadh ann eadar Druim na Drochaid agus Blàr na Màigh.

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson leasachadh mòr taigheadais agus ghnìomhachais a thogail ann an Druim na Drochaid.

Dh'innis a' chompanaidh Loch Ness Homes gu bheil iad airson talamh a chleachdadh air gach taobh den A82 aig a' Chille Mhòir, eadar Druim na Drochaid agus Blàr na Màigh.

Bhiodh 150 taigh ann còmhla ri dachaigh-cùraim, ionad-slàinte, bùithdean is oifisean.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad an dòchas gum biodh goireasan turasachd am broinn an leasachaidh agus gun tèid obraichean ùra a chruthachadh ann an Druim na Drochaid.

Còmhraidhean

Tha Comhairle Coimhearsnachd Dhruim na Drochaid ag ràdh gu bheil iad ann an còmhraidhean ris a' chompanaidh is tha e coltach gu bheil iad gu sònraichte taiceil a thaobh ionad-slàinte a bhith air a thogail sa bhaile.

Thug a' chomhairle coimhearsnachd cuireadh do mhuinntir an àite thighinn dhan ath-choinneimh aca air an 14mh den Fhaoilleach gus na planaichean a dheasbad.

Ron a sin thèid na planaichean a thaisbeanadh dhan t-sluagh ann an Ionad Creig a' Mhonaidh ann an Druim na Drochaid eadar 7-12mh den Fhaoilleach.