£1m gus milleadh stoirme air Ghàidhealtachd a chàradh
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun cosg e còrr is £1m do Chomhairle na Gàidhealtachd am milleadh a rinn stoirm deireadh na seachdain a chur ceart.
Tha dùil gum feum an ùghdarras ionadail taic-airgid iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba airson rudan mar bhallachan-mara agus cidheannan a' chàradh.
Tha luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' glanadh grunn làraichean anns an sgìre às dèidh na stoirme.
Bha dùil ris an stoirm, ach cha robh dùil ri suailichean cho mòr.
Le sin chaidh milleadh a dhèanamh air cuid de bhallachan-mara agus calaidhean air costa an ear na Gàidhealtachd.
Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail, na h-Àrainneachd agus nan Seirbheisean Coimhearsnachd aig a' Chomhairle, Graham Philips, gun tèid coimhead air a h-uile balla a tha a' dìon bhailtean bho thuiltean anns an sgìre, gus dèanamh cinnteach gu bheil iad làidir gu leòr airson seasamh ri fìor dhroch aimsir aig àm sam bith.