Taic le cumhachd ath-nuadhachail aig an taigh

Crann-gaoithe is simileir Image copyright PA
Image caption Bidh an sgeama a' ruith gu deireadh a' Mhàirt 2013.

Thèid leudachadh a dhèanamh air sgeama a tha a' toirt iasaid do dhaoine a th' airson teicneòlas cumhachd ath-nuadhachail a chur ris na dachannan aca.

Gu ruige seo cha robh an sgeama fosgailte ach do dhaoine a bha a' fuireach ann an seann taighean.

Ach às dèidh chòmhraidhean eadar BPA nan Eilean Siar, Alasdair Alan, agus Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, thèid an sgeama fhosgladh do dhaoine a tha a' togail thaighean ùra gus an tig e gu crìch sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

"'S e sgeama iasaid a th' ann, ach 's e sgeama tarraingeach a bh' ann airson daoine le seann taighean, agus tha e fosgailte a-nis gu deireadh a' Mhàirt, agus às dèidh sin bidh sgeamaichean ùra tha mi cinnteach a' tighinn a-steach," thuirt Mgr Allan.

"Ach am puing a th' ann, tha e fosgailte agus tha cothrom ann.

"Tha mi airson a h-uile duine a tha a' smaoineachadh mu dheidhinn taigh ùr a thogail a bhrosnachadh a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn a bhith a' dol dhan sgeama a tha seo," thuirt e.