Uachdaran na Pàirce a' call cùis-lagha

  • Air fhoillseachadh

Chaidh cùis-lagha a thog uchdaran na Pàirce ann an Leòdhas an aghaidh reachdais ath-leasachaidh an fhearainn, a shadail a-mach à Cùirt an t-Seisein Diciadain.

Tha Barry Lomas a' cur an aghaidh oidhirp chroitearan na Pàirce an oighreachd a cheannach, 's e ag ràdh gu bheil an còir a th' aca fon lagh a' dol an aghaidh a chuid chòirichean daonna.

Cho-dhùin panal de thriùir bhritheamhan gun na dùbhlain a chluinntinn.

"Tha an luchd-tagraidh a' gabhail ris gum faod Pàrlamaid na h-Alba còir a thoirt do choimhearsnachd croiteachd am fearann a cheannach," thuirt Àrd-Mhorair Cùirt an t-Seisein, am Morair Gill.

"'S e an gearain nach eil còirichean uachdaran air an dìon fon reachdas.

"Nam bheachd-sa, tha a' chùis a tha an luchd-tagraidh a' togail a' crochadh air moladh gum feum uidheam sàbhailteachd airson chòirichean daonna an uachdarain a bhith sgrìobhte gu soilleir ann an Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (2003). Chan eil mise ag aontachadh," thuirt e.

Thuirt e cuideachd gur ann air a bhith a' cothromachadh a' chroin air an uachdaran agus a' bhuannachd a bhiodh ann don choimhearsnachd, gu seachd àraid a thaobh a bhith a' neartachadh eaconamaidh na croitearachd, a tha ministearan ag amas 's iad a' co-dhùnadh càite a bheil ùidh a' phobaill ann an cùisean den leithid.

Thuirt e gur ann an urra ri minitearan an riaghaltais a bha an cuideam a bheirte do dh'ùidh an uachdarain.

"Air a' phuing sin, dh'fhaodar beachdachadh air co-dhiù bhan an t-uachdaran airidh air airgead-dìolaidh," thuirt am Morair Gill.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh