Bàgh a' Chaisteil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rannsachadh mu fhearrann Bharraigh a cheannach

19 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leanaidh iomart ann am Barraigh 's Bhatarsaigh smachd fhaighinn air an fhearann dhan choimhearsnachd.

Bha coinneamhan ann oidhche Luain far an deach aontachadh gluasad air adhart leis a' phròiseas.

Aig coinneamh ann am Bàgh a' Chaisteil chaidh taic a chur ri rannsachadh a dhèanamh air a' chùis, 's chuir muinntir Bhatarsaigh taic aig a' choinneimh aca-san, ris an ath cheum a ghabhail.

Buinnidh am fearann an-dràsta do Riaghaltas na h-Alba.

Tha an aithris seo aig Doneil MacLeòid.