Gàidhlig a-mhàin fad 40 là

Eanchainn Image copyright Science Photo Library
Image caption Thèid sreath de dheuchainnean a dhèanamh

'S iomadh rud a bhios daoine a' seachnadh aig àm a' Charaghais: seoclaid, deoch-làidir no 's dòcha smocadh? Ach, tha rannsachadh aig Oilthighean Ghlaschu agus Dhùn Èideann a-nis ag iarraidh dhaoine a tha deònach Beurla a leigeil seachad fad 40 là agus oidhche.

Tha Dòmhnall Eoghain MacFhionnghain na rannsaiche aig Oilthigh Ghlaschu.

Tha e a' coimhead airson sianar a ghabhas pàirt ann am pròiseact a mhaireas 40 là far am feum iad Gàidhlig a-mhàin a chleachdadh nam beatha làitheil. Cha bhi e ceadaichte dhaibh cànan sam bith eile a chleachdadh.

"Feumaidh iad direach Gàidhlig a bhruidhinn son 40 là, agus 's e dùbhlan a bhios an sin dha-rìribh," thuirt e

"Bidh e doirbh, fiù 's ma tha iad airson biadh a cheannach sa bhùth. Feumaidh iad taic fhaighinn bho charaidean aig a bheil Gàidhlig."

Rannsachadh saidheansail

Bidh cognitive neuroscientist, an Dr Meike Ramon, cuideachd an-sàs anns an rannsachadh.

Tha ise gu bhith a' deànamh dheuchainnean agus a' coimhead ri eanchainn nan com-pàirtichean fhad 's a tha am pròiseact a' leantainn. Thèid iad cuideachd tro sgan MRI.

"'S e an amas agam... dèanamh a-mach a bheil na pàirtean den eanchainn a tha a' dèiligeadh ri cànan ag obair ann an dòigh eadar-dhealaichte an dèidh do chuideigin a bhith a' sguir de bhruidhinn Beurla fad 40 là," thuirt i.

Tha Dòmhnall Eoghain fhathast a' lorg co-dhiù dithis eile a thèid an sàs anns a' phròiseact rannsachaidh agus triùir aige mar thà.

Ma tha ùidh agaibh anns a' phròiseict nach leig sibh fios thugainn.