Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Anndra Mitchell

Chaidh an dàrna duine a chur an grèim co-cheangailte ri cùis oifigeir phoilis a thuirt gun robh e an làthair agus na fhianaisear air àimhreit eadar Anndra Mitchell a bha na mhinistear Tòraidh, agus oifigearan poilis aig Sràid Downing. Tha an duine, a tha 23 bliadhna de dh'aois, agus nach eil na bhall-poilis, fo amharas gun do chuidich e le eucoir a dhèanamh.

Cuotathan Iasgaich

Tha ceannardan iasgaich na h-Alba faiceallach gun cus fàilte a chur air aonta iasgaich ùr an Aonaidh Eòrpaich. Tha àrdachadh ann an cuota adaige a' Chuain a Tuath, ged a tha gearradh an treas cuid ann an iasgach adaige a' Chosta an Iar. Chaidh leudachadh beagan air iasgach a' mhuasgain-chaoil, agus thig aonta mun trosg an dèidh chòmhraidhean air an ath-mhìos.

Am BBC

Chuir Tim Davie a tha na àrd-oifigeach an-dràsta air a' BhBC dìon air freagairt na buidhne do dhà aithisg an-dè a rinn dubh-chàineadh air an dòigh san deach an rannsachadh a rinn am prògram Newsnight air Jimmy Savile a làimhseachadh. Thuirt Mgr Davie nach eil dad de dh'fheum ann duine a chur às an dreuchd airson na thachair. Agus tha Buill-Phàrlamaid ag ràdh gur e cùis nàire a th' ann gun deach £450,000 a thoirt do Sheòras Entwhistle, a dh'fhàg a dhreuchd an lùib na cùise.

Tuiltean

Tha rabhadh ann air uisge trom agus tuiltean ann am mòran sgìrean an-diugh agus a-nochd. Tha ceithir rabhaidhean oifigeil an sàs an-dràsta eadar Dùn Dè, Machair Aonghais agus Fìobha. Tha dragh ann mu sgìrean air a' Chosta an Ear, far an deach na ballachan mara a mhilleadh gu dona le stoirm na seachdain seo chaidh.

Aiseag Mhalaig

Tha riochdairean coimhearsnachd Uibhist a Deas a' beachdachadh air dòighean eile air seirbheis aiseig a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail is Malaig. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil leithid de sheirbheis sa phlana aca oir gun cosgadh i cus agus gu bheil mì-chinnt ann mu cho feumail 's a bhiodh i.

Ola a' Chuain a Tuath

Chan eil an SNP a' cur mòran suime ann an rabhadh nach eil cinnt mhòr sam bith ann an stoc ola a' Chuain a Tuath. Tha buidheann-sgrùdaidh a tha stèidhichte ann an Glaschu ag ràdh gu bheil dùil ri gearradh gu leth anns na thig de dh'airgead às a' ghnìomhachas an ath-bhliadhna, agus airson ùine de 2014. Thuirt tè-labhairt an SNP ge-tà, gur ann a tha an gnìomhachas a' sìor fhàs.

Oighreachd na Pàirce

Chaidh iarraidh air uachdaran Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas, Barry Lomas, gèilleadh agus èisteachd ris a' choimhearsnachd a th' airson sealbh fhaighinn air an fhearann. Chaidh Mgr Lomas dhan chùirt agus e a' cur an aghaidh oidhirp na coimhearsnachd air an fhearann a cheannach an aghaidh a thoil. Ach dhiùlt Cùirt an t-Seisein tagradh Mhgr Lomas. Tha a' Chùirt ag ràdh nach eil Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn a briseadh Cùmhnaint Eòrpaich Chòirichean a' Chinne Daonna. Tha Urras na Pàirce a-niste an dòchas nach tèid Mgr Lomas dad nas fhaide leis a' chùis.