Oifigear Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann

  • Air fhoillseachadh
Oilthigh Dhùn ÈideannTùs an deilbh, Oilthigh Dhùn Èideann
Fo-thiotal an deilbh,
Bheir am Plana Gàidhlig buaidh air feadh an oilthigh gu lèir.

Tha Oilthigh Dhùn Èideann air oifigear leasachaidh Gàidhlig fhastadh airson a' chiad uair.

'S i Bria Mason a fhuair an obair, agus a tha an-dràsta na h-oifigear leasachaidh Gàidhlig aig Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tòisichidh i san dreuchd ùir air 4mh an Gearran.

Bidh i an urra ri Plana Gàidhlig an oilthigh a chur an gnìomh.

Thug Ms Mason ceum le urram air a' chiad ìre a-mach ann an Ceiltis bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2009, mus do rinn i MLitt ann am Poileasaidh is Planadh Cànain aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 2011.

'S e seo a' chiad phlana Gàidhlig riamh aig Oilthigh Dhùn Èideann - an oilthigh as motha ann an Alba.

Bidh am Plana Gàidhlig a' toirt buaidh air an oilthigh air fad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh