Amannan trèana stèisein ùir gam foillseachadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh na h-amannan a bhios trèanaichean a' tadhail air seann stèisean rèile air Ghàidhealtachd, fhoillseachadh.
Thèid stèisean Drochaid Sguideil ath-fhosgladh sa Ghearran, às dèidh dha a bhith dùinte bho 1960.
Chosg an stèisean ùr £600,000, agus bidh e fosgailte ann an àm airson faochadh a thoirt do na tha de thrafaig air Drochaid Cheasaig, fhad 's a nithear obair-càraidh oirre.
Dhearbh Scotrail gum bi 13 seirbheisean a' dol gu deas, agus 12 a' dol gu tuath a' tadhail air an stèisean ùr às dèidh dha fosgladh.
Thuirt a' chompanaidh gun toir trì seirbheisean Diluain gu Disathairne luchd-siubhail a-steach a dh'Inbhir Nis ro 09:00m. Bidh dà sheirbheis ann aig an àm as trainge feasgar air an rathad air ais.
Tòisichidh obair gus uachdar ùr a chur air an A9 tarsainn Drochaid Cheasaig eadar an Gearran agus an t-Ògmhios 2013. Chaidh an cùmhnant airson na h-obach, luach £13.2m, a thoirt don chompanaidh Balfour Beatty Civil Engineering.
Tha dùil ri tuilleadh obrach air na drochaid thairis air an aon àm ann an 2014.
'S ann air loidhnichean a' Chinn a Tuath, agus a' Chaoil a bhios an stèisean ùr.