Corp ga ainmeachadh an Ros an Ear

  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis air a' Ghàidhealtachd air innse gu bheil iad air corp Dhaibhaidh MhicAoidh a lorg faisg air Baile Dhùthaich air Taobh Sear Rois.

Tha iad air a bhith a' sireadh Mgr MacAoidh, a tha 21 agus à Alanais.

Chunnacas mu dheireaadh e taobh a-muigh Ionad Dùthaich ann am Baile Dhùthaich taig 01:30 madainn Disathairne.

Bha na Maoir-chladaich, Sgioba Teasairginn Bheann an Locha Bhig, agus heileacoptair le Feachd an Adhair an sàs san iomairt.

Dh'innis na Poilis gun do lorg iad an corp mu leth uair as deidh dhà feasgar Didòmhnaich.

Thèid aithisg a thoirt do Neach-casaid a' Chrùin.