Julie Fowlis gus Oscar fhaighinn?

Julie Fowlis aig premiere Brave Image copyright other
Image caption Sheinn Julie Fowlis anns an fhilm a rinn Disney/Pixar, Brave.

Thug Pàrlamaid na h-Alba urram oifigeil don t-seinneadair Ghàidhealach, Julie Fowlis, airson na h-obrach a tha i a' dèanamh gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh.

Chaidh cuideachd meal an naidheachd a chur oirre airson a' gheàrr-liosta de sheachd òrain a ruighinn airson duais Oscar anns a' bhliadhna ùir airson an òrain Bheurla aice Touch the Sky bhon fhilm Brave.

B' e am BPA Rob Gibson a chuir gluasad air adhart gum bu chòir moladh a dhèanamh air Julie Fowlis.

Tha Julie air an liosta còmhla ri seinneadairean leithid Katy Perry, Jessi J, Scarlett Johannson agus òran bhon film ùr Les Miserables.

Thèid a' gheàrr-liosta a ghearradh sìos gu còig òrain mus tèid an t-òran a bhuannaicheas ainmeachadh aig cuirm nan Oscar sa bhliadhna ùir.

Thuirt Mgr Gibson gur e tosgaire air leth a th' ann an Julie airson na Gàidhlig agus cultair na Gàidhealtachd 's nan Eilean air feadh an t-Saoghail, agus gu bheil i gu math airidh air an àite aice air a' gheàrr-liosta airson an òrain as fheàrr aig Duaisean an Acadamaidh.