Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Dùbhlachd 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cogadh nan Eileanan Fàclannach

Tha pàipearan ùra a chaidh fhoillseachadh leis an Tasglann Nàiseanta a' sealltainn gun tàinig ionnsaigh Argentina air na h-Eileanan Fàclannach mar chlach às an adhair don phrìomhaire aig an àm, Màiread Thatcher. A rèir an fhiosrachaidh a tha ga fhoillseachadh an dèidh do 30 bliadhna a dhol seachad, bha iomagain mhòr air a' Bhana-Mhorair Thatcher, mu a bhith a' faighinn nan Eileananan air ais, agus cha robh i a' sùileachdainn gun deadh Argentina a-steach dha na h-Eileanan, gu dà là mus do thachair e. Nochd fiosrachadh cuideachd mun chonaltradh a bha a' dol eadar Màiread Thatcher agus Jimmy Savile anns na pàipearan as ùire.

Iomairt Teasairginn

Tha iomairt teasairginn a' leantainn madainn an-diugh airson fireannach a tha a dhìth an dèidh dha a bhith a' coiseachd am measg bheanntan a' Chuilthinn anns an Eilean Sgitheanach. Thàinig fios an-dè gun deach fear-coise a leòn às dèidh dha tuiteam. Bha na Poilis, an RAF agus sgioba teasairginn a' sireadh an duine ann an Gleann Breadail gu 03:00m an-diugh, agus thathas air tòiseachadh a-rithist madainn an-diugh.

Bàta-teasairginn an t-Òib

Chaidh bàta-teasairginn an t-Òib a ghairm mu 08:00m an-diugh. Thàinig aithris gun deach trì lasraichean fhaicinn ann an Caolas na Hearadh, 's iad a' rannsachadh na cùise. Tha heileacoptair Mhaor-cladaich Steòrnabhaigh air an làraich a' toirt taic dhan iomairt.

Seach-rathad an t-Sròim

Tha seach-rathad an t-Sròim fosgailte a-rithist an dèidh do mhaoim-slèibhe a dhùnadh Là na Nollaige. Chaidh còrr is 50 tunna de chreagan a ghluasad os cionn an rathaid airson cùisean a dhèanamh nas sàbhailte. Thuirt Comhairlichean gu bheil iad ag obair gus fuasgladh maireannach fhaighinn air a' ghnothach.

Na h-Aiseagan

Tha Cal Mac air moladh do dhaoine a tha am beachd siubhail air na seirbheisean aca thairis air an deireadh-sheachdain fios a chur thuca, no sùil a chumail air an làrach-lìn aca agus droch aimsir a' toirt buaidh. Mar thà tha maill air mòran sheirbheisean ann an lìonra Chal Mac. Tha dùil gun ruig aiseag Steòrnabhaigh Ulapul anns an leth-uair a tha romhainn, ach cha bhi seòlaidhean sam bith eile eadar an dà phort an còrr den là. Mar thà, chaidh an t-aiseag eadar an t-Òban, Loch Baghasdail agus Bàgh a' Chaisteil a chur dheth an-diugh.