Bàta-teasairginn an t-Òib air tilleadh gu port

  • Air fhoillseachadh

Tha bàta-teasraiginn an t-Òib air tilleadh gu cala, an dèidh a bhith a' rannsachadh na faraige ann an Caolas na Hearadh is maoir-cladaich air aithris fhaighinn mu thrì lasraichean san iarmailt mu 08:00m.

Bha iad a' rannsachadh timcheall eileanan Chillegraigh is Easaigh, le taic bho heileacoptair mhaor-cladaich Steòrnabhaigh, is buidheannan eile sgrùdadh a' chladaich.

Cha deach dad seach an àbhaist a lorg.