ICT puing nas fhaisge air Celtic

St Johnstone is ICT Image copyright SNS
Image caption Chrìochnaich cùisean 0-0 ann am Peairt.

Ghluais Caley Thistle puing nas fhaisge air Celtic aig mullach an SPL - a dh' aindeoin is nach do chuir iad tadhal ann an geama lìge son a' chiad uair air an t-seusan seo.

Bha cothroman gu leòr aig Caley Thistle agus St Johnstone ann am Peairt, ach bha làmh an uachdair aig an dithis eadar na puist, Antonio Reguero is Ailean Mannus.

Chrìochnaich an geama 0-0 agus Caley Thistle a' gluasad gu 34 puingean.

Tha sin gam fàgail puing nas fhaisge air Celtic - a th' aig mullach na lìge - is sgioba Pharkhead air call 1-0 an aghaidh Hibs ann an Dùn Èideann.

Bha bristeadh-dùil ann airson Ross County nuair a chaidh an geama acasan aig an taigh an aghaidh Hearts a chur dheth feasgar Disathairne.

Uisge

Cho-dhùin an rèitire, Iain Brines, gun robh cus uisge air Pàirce Bhictoria is nach b'urrainn dhan gheama a dhol air adhart.

Thug Hearts slaic air cho anmoch sa bha an cò-dhùnadh agus 800 den luchd-leantainn aca mar thà air Inbhir Pheofharain a ruighinn.

Thuirt County gun robh iad fhèin tàmailteach nach deach an geama air adhart ach gur e co-dhùnadh an rèitire a bh'ann.

Gheall County gum pàigh iad son busaichean do luchd-leantainn Hearts a thig dhan gheama nuair a thèid ceann-là ùr a stèidheachadh.