Cupa MhicShimidh gu bhith ann a-rithist

Caman
Image caption Tòisichidh 2013 le brag sa Mhanachainn.

Coinnichidh A' Mhanachainn is Lòbhat a-rithist Diciadain son fhir de na cupanan as ainmeil ann an iomain, Cupa MhicShimidh.

B' ann an 1904 a thòisich an fharpais agus MacShimidh a' toirt seachad chupa son geama eadar na nàbaidhean aig àm na bliadhna ùire.

Bidh an geama a' gluasad eadar A' Mhanachainn agus Cill Targhlain gach bliadhna is mar as trice bidh tòrr dhaoine a' nochdadh.

Chrìochnaich geama 2012 3-1 do Lòbhat.

Bhuannaich A' Mhanachainn mu dheireadh ann an 2007.

Tha Lòbhat a' cluich aig ìre nas àirde an-dràsta ach bidh cuimhne aig a' Mhanachainn gun do rinn iad a' chùis air na nàbaidhean aca 4-3 ann an Cupa MhicThàmhais ann an 2012.

Bidh geama na bliadhna seo sa Mhanachainn aig 1.00f agus 's e Deek Camshron an rèitire a bhios ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile