£3.9m ga ghealltainn airson slighean baidhseagail

Cosgaidh Riaghaltas na h-Alba £3.9m air lionradh rothaireachd na dùthcha a leasachadh thairis air dà bhliadhna.

'S ann air slighe baidhseagail ùr eadar an t-Òban agus Inbhir Nis a thèid a' mhor-chuid dheth - £3m - a chosg.

Tha an Riaghaltas airson brath a ghabhail air an ùidh a thog na Geamaichean Oilimpiceach a bh' ann an Lunnainn an-uiridh ann an rothaireachd.

Tha iad a-nis airson barrachd dhaoine a bhrosnachadh an cùl a chuir rin càraichean agus baidhseagalan a chleachdadh nan àite.

Buannachd eaconomach

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Cè MacIlleDhuinn, gum bi Slighe Bhaidhseagail ùr a' Ghlinne Mhoir na togail cuideachd do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd.

Cosgaidh an Riaghaltas £400,000 air an t-slighe eadar an t-Òban agus an Apainn a leasachadh.

Thèid £400,000 eile a chosg air rothaireachd a bhrosnachadh a-measg chloinn-sgoile na dùthcha le bhith a' cruthachadh slighean sàbhailte dhaibh dhan sgoil, agus air barrachd àitean parcaidh do bhaidhseagalan taobh a-muigh sgoiltean.

Tha an t-airgead mar phàirt dhen Phrògram Calpa, luach £205m, a dh'fhoillsich Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, san Dùbhlachd.