Cupa MhicShimidh aig a' Mhanachainn

Caman
Image caption Tha Cupa MhicShimidh air ais sa Mhanachainn.

Bhuannaich A' Mhanachainn Cupa MhicShimidh son a' chiad uair bho 2007 is iad a' soirbheachadh 2-1 an aghaidh nan nàbaidhean aca, Lòbhat.

'S e fear de na cupan as ainmeil ann an iomain agus e a' dol bho 1904.

B' ann an uairsin a thug MacShimidh seachad cupa son geama eadar na nàbaidhean aig àm na bliadhna ùire.

Chaidh a' Mhanachainn air thoiseach am bliadhna le tadhal bho Jack Dòmhnallach às dèidh 28 mionaidean.

Fhreagair Lòbhat tro Ghreg MacMhathain ann an 35 mionaidean ach thàinig an tadhal cudromach bho Bharrie Dòmhnallach aig a' Mhanachainn direach ro lethach ùine.

Cha robh tadhal idir san darna leth agus an cupa ainmeil a' dol air ais gu sgioba na Manachainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile