Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

3 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ola agus Gas

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gun dèan e co-obrachadh le companaidhean ola agus gas gus an cuir Alba a cuid fhèin ri bhith a' cumail cumhachd ris an dùthaich. Chuir a' bhuidheann a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachais, Oil and Gas UK, fàilte air gealltanas Mhgr Salmond.

Eaconomaidh

Tha e coltach gu bheil beagan a bharrachd misneachd a-measg luchd-gnothaich a dh'aindeoin sgrùdaidh a tha ag ràdh nach eil adhartas mòr sam bith a' tighinn air eaconomaidh na h-Alba. Thuirt sgrudadh ràitheil a' bhanca Lloyds TSB, gu bheil 40% de na companaidhean a ghabh pàirt anns an rannsachadh ag ràdh gun do thuit an teachd-a-steach sna trì miosan eadar an t-Sultainn agus an t-Samhainn.

Pagastan

Tha aithrisean a' tighinn à Pagastan ag ràdh gun deach fear de cheannardan mailisidh na sgìre a mharbhadh ann an ionnsaigh rocaid Americanach an ceann an iar thuath na dùthcha faisg air a' chrìch ri Afganastan. Thuirt oifigich gun deach Mullah Nazir a mharbhadh le itealan drone ann an ceann a deas Waziristan.

Argentina

Chuir Ceann-suidhe Argentina, Christina Fernandez de Kirchner, litir fhosgailte gu Dàibhidh Camshron, ag iarraidh air Breatainn na h-Eileanan Falclanach a thoirt do dh'Argentina. Chaidh an litir fhoillseachadh anns a' Ghuardian agus anns an Independent an-diugh. Thuirt Breatainn nach bi còmhradh sam bith ann air an t-suidheachadh mar a h-iarr muinntir nan eilean sin.

Ionnsaigh

Chuir polais anns an Eilbhis duine an greim fo amharas gun do mharbh e triùir bhoireannach ann an Daillon ann an ceann a deas na dùthcha. Chaidh dithis fhear a ghoirteachadh cuideachd nuair a loisg an duine, a tha deich bliadhna fichead a dh'aois, orra le gunna.

Tubaist-rathaid

Tha polais ann an Inbhir Nis ag iarraidh fianais do thubaist càr anns a' bhaile a-raoir anns an deach fireannach a dhroch ghoirteachadh. Thachair an tubaist goirid ro aon uair deug air a' chrois-rathaid air ceann an ear Dhrochaid Nis. Chaidh an duine a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir anns a' bhaile.