Seirbheisean gan lìbhrigeadh le buidhnean coimhearsnachd?
- Air fhoillseachadh

Tha cothrom ga thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd, cuid de sheirbheisean a tha an-dràsta gan ruith leis a' Chomhairle ionadail, a ghabhail os làimh iad fhèin.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air stòras a chuir air dòigh airson maoineachadh, suas ri £1m sa bhliadhna, a thoirt do chomhairlean coimhearsnachd agus buidhnean iomairt ionadail a bhiodh deònach seirbheisean a thoirt seachad iad fhèin.
Dh'fheumadh na buidhnean a bhith comasach air an t-seirbheis a thoirt seachad nas saoire, neo seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad air an aon phrìs.
Beachdan
Tha a bhith a' gearradh an fheòir, agus a bhith a' coimhead as deidh ionadan coimhearsnachd a-measg nam molaidhean a chaidh a chuir air adhart mar-thà, ach tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum biodh iad deònach coimhead ri beachdan sam bith.
Bidh panal de chomhairlichean an uair sin a' taghadh dè na molaidhean a bhiodh freagarrach.
Thuirt Cathraiche na buidhne sin, An Comh. Dàibhidh Alston, gun neartaich seo coimhearsnachdan ionadail agus nach ann mu bhith a' caomhnadh airgid a tha na planaichean.
Thuirt e cuideachd nach robh e an dùil gun toireadh an t-atharrachadh lùghdachadh air àireamh luchd-obrach na Comhairle fhèin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Lùnastal 2012