Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

4 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnaidhean

Tha an Seansalair Làbarach, Ed Balls, ag iarraidh cosnadh dhan a h-uile duine airson ùine de shia mìosan a tha air a bhith gun obair son còrr 's dà bhliadhna agus e ag ràdh gun gabhadh pàigheadh son sin le bhith a' gearradh faochadh cìse air peinnsean dhaoine a tha a' cosnadh còrr 's ceud gu leth mìle not sa bliadhna. Thuirt e gum faodadh cosnadh a thoirt do shia fichead 's deich mìle duine aig cosgais de billean not gach bliadhna.

Pagastan

Chaidh Malala Yousufzai, an nighean còig bliadhna deug de dh'aois air an do loisg an Taliban ann am Pagasan, a leigeil a-mach às an ospadal ann am Birmingham. Chaidh a toirt a Bhreatainn san Damhair. Thèid i a dh'fhuireach son ùine aig a dachaidh eadar-amail sna West Midlands, mus till i dhan ospadal an ceann beagan sheachainnean son tuilleadh obair-lannsa.

Buaireadh

Bha tuilleadh àimhreit ann am Beal Feairst a-raoir co-cheangailte ri co-dhùnadh nach bi Bratach an Aonaidh os cionn talla a' bhaile fad na h-ùine. Chaidh deichnear oifigear poilis a ghoirteachadh le luchd-iomairt a' tilgeil bhomaichean peatroil agus clachan.

Na h-Eileanan Falclanach

Chuir am pàipear-naidheachd, an Sun, sanas ann am pàipear ann an Argentina, am Buenos Aires Herald, a' mìneachadh suidheachadh Bhreatainn air na h-Eileanan Falclanach. An-dè, chuir Ceann-suidhe Argentina, Christina Fernandez de Kirchner, litir fhosgailte gu Dàibhidh Camshron, ag iarraidh air Breatainn na h-Eileanan Falclanach a thoirt do dh'Argentina agus i a' fàgail air a' Phrìomhaire gu bheil e a' briseadh moladh bhon UN le bhith a' diùltadh chòmhraidhean mu na h-Eileanan.

Rathad an t-Sròim

Tha an West Highland Free Press a' cur an taic a-nis ri rathad ùr neo drochaid an àite Seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois. Tha deasaiche a' phàipeir, Iain MacCarmaig, ag ràdh gu bheil an rathad, a bha dùinte a-rithist le maoim-slèibhe bho chionn ghoirid, a' cur beatha dhaoine ann an cunnart. Tha esan ag ràdh gum feum Comhairle na Gàidhealtachd airgead iarraidh air Riaghaltas na h-Alba son slighe eile fhosgladh.

A9

Tha pàirt de rathad an A9 air a' Ghàidhealtachd fosgailte a-rithist air an t-Slochd às dèidh do làraidh a dhol na teine an sin tràth sa mhadainn an-diugh. Thuirt Polais a' Chinn a Tuath gu bheil iad a' leigeil charbadan nas lugha na trì tonna chuideam tarsainn air an drochaid an-dràsta agus gu bheil iad a' cur charbadan nas truime na sin timcheall taobh Bhaile nan Granndach.