Ionad meadhanan didsiteach ga thogail am Baile Eilidh

  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann charthannais ag iarraidh ionad trèanaidh nam meadhanan didsiteach a stèidheachadh ann am Baile Eilidh.

Chuir daoine ainmeil leithid an stiùiriche fiolmaichean aig Holywood, Tom Vaughan agus an cleasaiche Lex Shrapnel, taic ris an iomairt mar-thà.

Cosgaidh am pròiseact dà mhillean not agus iad am beachd seann togalach a sgeadachadh.

Bidh taigh-dhealbh, àite-bidh agus taisbeanadh cuideachd na bhroinn.

Fhuairear cead-dealbhachaidh mar-thà ach tha iad a-nis a' tòiseachadh gus airgead a thrusadh.

Daoine cliùiteach

Ma thig e gu buil bidh taisbeanadh ann far am b' urrainnear coimhead air na daoine ainmeil a thàinig à Baile Eilidh.

Rugadh Iain Logie Baird sa bhaile agus tha cuimhneachan dha fhathast ri fhaicinn ann.

Bha e a-measg a' chiad fheadhainn a thog inneal telebhisean sna ficheadan.

San ionad ùr seo bidh iad gu sònraichte ag amas air cùrsaichean goirid a thabhann do dhaoine a thaobh bhideo agus craoladh air an eadar-lìon.

Tha e coltach gum bi feum mòr air a' ghoireas seo.

Thathar an dòchas gum fosgail an t-ionad ro Gheamaichean a' Chofhlaitheis ann an 2014.