Coinneamh mu sgoil ùr dha Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh

Gheibh pàrantan Uibhist a Tuath cothrom na beachdan aca fhoillseachadh a thaobh sgoil ùir dhan eilean aig coinneimh oidhche Chiadain.
Tha moladh ann aon bhun-sgoil ùr a thogail air an eilean a rachadh an àite na trì a th'ann an-dràsta - Loch nam Madadh, Paibeil agus Càirinis, leis gu bheil iadsan gu math seann agus mì-ghoireasach.
Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn an dàrna leth de na cosgaisean son sgoil ùr a thogail, ach 's e a' cheist am biodh airgead gu leòr aig a' Chomhairle bhon a' phrògram calpa aca son an còrr dheth a phàigheadh.
Tha dùil gun cosgadh togalach ùr de a leithid, eadar £7m agus £9m agus chan eil ann ach an treas cuid anns a' phrògram calpa aig a' chomhairle 's bh'ann roimhe - mar sin bidh cuideam air comhairlichean a bhith faicealach leis an airgead sin.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt comhairliche ionadail na sgìre, Ùisdean Robasdan gun robh a' mhòr-chuid ris an robh e a' bhruidhinn, ag iarraidh sgoil ùir anns a' Chlachan, ma 's e is gun tèid seo air adhart.
Thèid a' choinneamh a chumail ann an Talla Chàirinis oidhche Chiadain aig 7.30f.