Butcher a' còmhradh ri Barnsley

Terry Butcher
Image caption A bheil Terry Butcher a' dol a thilleadh air ais gu Sasainn?

Dhearbh Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil Terry Butcher ann an còmhraidhean ri Barnsley mu dhreuchd a' mhanaidsear aig Oakwell.

Tha an sgioba anns an Championship ann an Sasainn a' lorg mhanaidsear às dèidh dhaibh Keith Hill a chur às a dhreuchd aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Bha còmhraidhean eadar Butcher is Barnsley Dimàirt - còmhraidhean "feumail" a rèir Bharnsley - is thathas an dùil gun coinnich e ri riochdairean a' chluba a-rithist Diciadain.

Cead

Thuirt Caley Thistle gun tug iad cead do Bhutcher còmhradh ri Barnsley ach gun dèan iad an dìcheall am manaidsear a chumail.

"Thug sinn cead do Bharnsley bruidhinn ri Terry. Leis cho àrd sa tha sinn san SPL an-dràsta agus iar-chuairt dheireannach againn air fàire, chan eil e na iognadh gum bi ùidh aig clubaichean eile san sgioba choidsidh againn", thuirt cathraiche ICT, Kenny Camshron.

"Nì sinn ar uile dìcheall son dèanamh cinnteach gum fuirich Terry an seo gus crìoch a chur an obair iongantach a rinn e thuige seo", thuirt e.

Bha aithrisean cuideachd ann gun robh Doncaster Rovers airson bruidhinn ri Butcher mu dhreuchd a' mhanaidsear an sin, ach thuirt Mgr Camshron nach eil Doncaster air fios a chur air sgioba Inbhir Nis.

Thuirt Doncaster nach eil iad ann an cabhag sam bith an dreuchd a lìonadh.

Tha Caley Thistle an-dràsta san darna àite san SPL is iad air dìreach trì geamaichean a chall san lìog.

Cluichidh iad Hearts ann an iar-chuairt dheireannach Cupa na Lìge aig deireadh na mìos is tha iad cuideachd fhathast ann an Cupa na h-Alba.

Bonn

Tha Barnsley an-dràsta aig bonn an Championship ach 's dòcha gum biodh Butcher den bheachd gur e cothrom a bhiodh ann dha an cliù aige mar mhanaidsear ann an Sasainn a chàradh.

Cha do mhair e fada idir mar mhanaidsear aig Coventry agus Sunderland trath anns na 90an agus cha robh e còmhla ri Brentford ann an 2007 ach son seachd mìosan mus do chaill e a dhreuchd.

Tha e air soirbheachadh ann an Alba ge-tà le Tobar na Màthar agus Caley Thistle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile