Braer
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fichead bliadhna bho thubaist Braer

8 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fichead bliadhna bho chaidh an tancair ola Braer air na creagan ann an Sealtainn, tha rabhadh bho bhuidhean glèidhteachais gu bheil cladaichean na dùthcha ann an cunnart fhathast.

Tha an WWF ag radh gu bheil an cunnart ann an-còmhnaidh.

Chaidh còrr air ochdad mìle tonna de dh'ola ma sgaoil bhon tancair, ach dh'fhàg an droch thìde gun deach mòran dheth ma sgaoil a-muigh aig muir.