Cosnaidhean gan gearradh ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun caill na h-uidhir de dhaoine an cosnadh aig factaraidhean èisg ann an Leòdhas.
Thèid na cosnaidhean aig na factaraidhean, a tha leis an Scottish Salmon Company, a ghearradh as t-Earrach.
Tha a' chompanaidh air innse gu bheil iad a' coimhead a-rithist air na feumalachdan a th' aca a thaobh iasg a spadadh 's a ghiollachd aig na h-ionadan aca ann am Marybank agus Àranais.
Thòisich iad conaltradh leis an luchd-obrach mun rathad air adhart.
Tha ceannardan na companaidh ag ràdh gum bi sin a' gabhail a-steach, far an gabh e dèanamh, cosnaidhean a ghluasad, no a bhith a' cuideachadh le bhith a' lorg cosnaidh eile.
Chan eil e soilleir fhathast co mheud cosnadh air an toir an t-atharrachadh buaidh.
Tha a' chompanaidh ag ràdh nach gabh cùisean aig Marybank cumail a' dol gun cosnaidhean a ghearradh.
Am measg nan rudan a tha gan coireachadh airson sin, tha gun do sgap galar èisg am measg cuid den iasg a th' aig a' chompanaidh, agus gu bheil prìs a' bhradain ìosail.