County gus an sgiobair a chall
- Air fhoillseachadh

Tha Ridseard Brittain air a bhith còmhla ri Ross County bho 2008.
Chuir sgiobair Ross County, Ridseard Brittain, ainm ri ro-chùmhnant còmhla ri St.Johnstone.
Thòisich Brittain aig Baile Dhùn Lèibhe is bha e treis aig St.Mirren mus do chuir e ainm ri cùmhnant aig Ross County ann an 2008.
Bhon uairsin tha Brittain air a bhith am measg nan cluicheadaran as cudromaiche aig sgioba Inbhir Pheofharain.
Bha e na sgiobair nuair a ràinig an sgioba cuairt dheireannach Chupa na h-Alba ann an 2010 is nuair a bhuannaich iad a' Chiad Roinn ann an 2012.
Bidh Brittain a' gluasad gu sgioba Pheairt aig deireadh an t-seusain, no dh'fhaodadh gum falbh e air a' mhìos seo fhèin ma thig County is St.Johnstone gu aonta a thaobh airgid.