"Briseadh dùil mòr" dha na h-Eileanan Siar
- Published
Tha an naidheachd gu bheil obraichean gu bhith air an gearradh aig factaraidhean giollachd bhradan ann an Leòdhas, na briseadh dùil mòr do dh'eaconamaidh nan Eilean Siar, a rèir Fhir-Ghairm na Comhairle.
Bha Tormod Dòmhnallach a' bruidhinn às dèidh don Scottish Salmon Company innse gum feum iad na h-uidhir de chosnaidhean a ghearradh aig na factaraidhean aca ann am Marybank agus ann an Àranais.
Am measg na tha ri choireachadh, tha galar a sgap tro chuid de stoc èisg na companaidh, agus gu bheil prìs a' bhradain air a bhith ìosail.
Tha cuid a' coireachadh nach d'fhuair a' chompanaidh cead-dealbhachaidh airson dà thuathanas-èisg ùr a bha iad airson stèidheachadh, fear ann am Plòcrapol anns na Hearadh, agus fear eile faisg air Tolastadh ann an Leòdhas.
"'S e briseadh dùil dha-rìribh a th' ann gu bheil iad a' gearradh sìos air an àireamh de dhaoine a tha gu bhith ag obair san fhactaraidh aca ann an Steòrnabhagh agus tha sinn an dòchas gun gabh sin a chur ceart cho luath 's a ghabhas," thuirt Mgr Dòmhnallach.
"Tha sinn air a bhith a' còmhradh ris a' chompanaidh bho thòisich iad, agus tha sinn air a bhith gu math taiceil dhan phlana leasachaidh a th' aca airson an gnìomhachas a thoirt air adhart.
"Leanaidh na còmhraidhean sin air adhart, ach tha sinn a' tuigsinn gu bheil duilgheadasan sònraichte air a bhith aca air a' bhliadhna a chaidh seachad coltach ri companaidhean eie a tha an sàs ann an àrach bhradan. Tha iad fhèin a' meas gum bi sin air a chur ceart mu dheireadh na bliadhna seo.
"Tha iad fhèin air a ràdh nach d'fhuair iad air adhart leis na leasachaidhean sin mar a bha dùil aca sa chiad àite.
"Ach tha tòrr obrach ri chur an sàs ann a bhith a' toirt air adhart iarrtas cead-dealbhachaidh airson tuathanas-èisg.
"Feumaidh sinne mar chomhairle cothromachadh a dhèanamh air leasachadh a thoirt air adhart, agus cuideachd a' bhuaidh aige sin air an àrainneachd.
"'S e sin as coireach, gu ìre, gun deach cead a dhiùltadh airson tuath Tholastaidh, agus 's iad fhèin a tharraing air ais iarrtas airson leudachadh a dhèanamh air an làraich aca ann am Plòcrapol anns na Hearadh," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 8 Am Faoilleach 2013