Leabhar Dhèir air-loidhne
- Air fhoillseachadh

Beagan tuath air baile Obar Dheathain, bha uair manachainn ris an abrar Dèar.
'S ann sa mhanachainn sin, air oirthir an ear Siorrachd Obar Dheathain, a chaidh an t-eisimpleir as sine a th' ann de Ghàidhlig na h-Alba a sgrìobhadh, anns an 12mh Linn.
Chan e leabhar Gàidhlig a th' ann, ach leabhar Laidinn, anns an deach an Soisgeul a sgrìobhadh san 10mh Linn. 'S ann air iomall cuid de na duilleagan a tha a' Ghàidhlig.
'S ann san t-Seann Ghàidhlig a tha an sgrìobhadh, ged a chaidh a sgrìobhadh aig àm na Meadhan-Ghàidhlig - an dòigh sgrìobhaidh seann fhasanta gun atharrachadh mar a bha a' chainnt labhairte air atharrachadh.
Na Cruinnich
'S ann an Dùthaich nan Cruinneach a bha Dèar mun àm a chaidh a' mhanachainn a stèidheachadh, agus tha eòlaichean den bheachd gu bheil na nòtaichean san leabhar seo ag innse mar a thàinig a' Ghàidhlig a-steach don sgìre, far an do mhair i gus an do dh'eug an tè mu dheireadh a bhruidhneadh Gàidhlig Obar Dheathain - Seònaid NicDhòmhnaill à Braigh Mhàrr - ann an 1984.
"Ann an Leabhar Dhèir, 's ann a gheibh sinn an fhianais as tràithe a th' againn airson na Gàidhlig sgrìobhte ann an Alba, ann an làmh-sgrìobhainn a chaidh a sgrìobhadh le Gàidheil, a' tighinn thugainn bhon 12mh Linn," thuirt an t-Àrd-Oll. Roibeard Ó Maolalaigh, à Oilthigh Ghlaschu, a tha na eòlaiche air Leabhar Dhèir.
"Tha sin gu math math luachmhor. Tha e ag innse dhuinn mar a sgaoil a' Ghàidhlig taobh a-staigh Dùthaich nan Cruinneach, air an taobh an ear gu sònraichte, anns na Meadhan-Aoisean.
"Tha fianais gu math math luachmhor ann air eachdraidh agus cultar nan Gàidheal," thuirt e.
'S fhada nach fhaicte an leabhar seo gun chead sònraichte fhaighinn bho Oilthigh Chambridge, far a bheil e air a bhith bho 1715.
Ge b'fhada a bha e aca, cha b' ann gu 1860 a dh'aithnicheadh na bh' ann, nuair a rinn fear Henry Bradshaw, a bha na leabharlannaiche aig an àm, beagan sgrùdaidh air.
Calum Cille
Ged nach eil an leabhar ann an Alba a-nis, tha an sgrìobhadh sa Ghàidhlig ag innse dhuinn gur ann à Dèir a bha e, agus e a' mìneachadh mar a chaidh a' mhanachainn a stèidheachadh, nuair a thàinig Calum Cille agus fear de a dheisciobail, Drostan, don sgìre, 's a thug Mormhair Bhuchain, fear Bede - a bha na Chruinneach - sealbh air fearann dhaibh:
Seann-Ghàidhlig
"Colum Cille & Drostán mac Cosgreg a dalta tángator a hÍ mar ro falseg Dia doib gonic' Abbordoboir, & Bede cruthnec robo mormær Buchan ar a ginn; & ess é ro thidnaig doib in gathraig-sain in saere go bráith ó mormaer & ó thosec.Tángator as a athle-sen in cathraig ele, & do-raten ri Colum Cille sí, iar fa llán do rath Dé. Acus do-rodloeg ar in mormær .i. Bede go-ndas tabrad dó, & ní tharat. Acus ro gab mac dó galar, iar n-ére na glérec, & robo marb act mad bec. Iar sen do-chuid in mormaer d'attac na glérec go ndéndaes ernacde lesin mac go ndísad slánte dó; & do-rat i n-edbairt doib ua Cloic in Tiprat gonice Chloic Pette Mec-Garnait. Do-rónsat i n-ernacde, & tánic slá dó. Iar sen do-rat Collum Cille do Drostán in chadraig-sen, & ro-s benact, & fo-rácaib in mbréther, ge bé tísad ris, ná bad blienec buadacc. Tángator déara Drostán ar scarthain fri Collum Cille. Ro laboir Colum Cille, 'Bed Déar a anim ó shunn imacc."
Gàidhlig an Là an-Diugh:
"Calum Cille agus Drostan mac Cosgraich, a dheisciobal, thàinig iad à Ìdhe, mar a dh'fhoillsich Dia dhaibh, gu ruige Obar Dobhair; agus Bede, Cruinneach, a bha na Mhormhair air Buchan nuair a ràinig iad; agus 's esan a thug dhaibh a' Mhanachainn sin, ann an saorsa gu bràth, o Mhormhair agus o Thòiseach. Thàinig iad às an àite sin gu manachainn eile, agus chòrd e ri Calum Cille, agus i làn de rath Dhè. Agus dh'iarr e air a' Mhormhair, Bede, gun toireadh e dha e, agus cha tug. Agus ghabh mac dha galar, às dèidh dha na Clèirich a dhiùltadh, agus cha-mhòr nach robh e marbh. Às dèidh sin, chaidh am Mormhair a ghuidhe air na Clèirich gun dèanadh iad ùrnaigh às leth a mhic, gus an tigeadh slàinte dha; agus dh'ìobair e dhaibh fearann o Chloic in Tiprat gu ruige Chloic Peitte Meic-Garnait. Rinn iad an ùrnaigh, agus thàinig slàinte dha. Às dèidh sin, thug Calum Cille a' mhanachainn sin do Dhrostan, agus bheannaich e i, agus dh'fhàg e mallachd, ge b'e cò rachadh na aghaidh, nach biodh e làn bhliadhnaichean no soirbheachais. Thàinig deòir Dhrostain air dha sgaradh bho Chalum Cille. Labhair Calum Cille, 'Biodh Dèar a h-ainm o shin a-mach.' "
Sin a' chiad fhear de sheachd nòtaichean a tha sgrìobhte air iomall nan duilleagan anns a' Ghàidhlig.
Tha facs-samhla den leabhar a-nis ri fhaotainn air-loidhne an asgaidh, air làrach-lìn leabharlainn dhidseataich Oilthigh Chambridge.
"Bidh seo na ghoireas fìor fìor mhath do sgoilearan, agus cuideachd do na Gàidheil air feadh Alba agus air feadh an t-Saoghail mhòir," thuirt Roibeard Ó Maolalaigh.
"Gum faic iad an goireas a tha seo. Oir ron a sin bha againn ri dhol a Chambridge, dhan leabharlann 's dh'fheumadh tu cead sònraichte fhaighinn airson sùil a thoirt air an làmh-sgrìobhainn a tha sin.
"Ach a-nis tha e fosgailte don t-Saoghal Mhòr agus 's e rud math a tha sin," thuirt e.