Co-chomairleachadh ùr aig CNES
- Air fhoillseachadh

Thòisich Comhairle nan Eilean Siar (CNES) air sreath ùr de choinneamhan poblach is iad a' gluasad nas fhaisge air buidseat 2013-2015 a stèidheachadh.
Chuir an t-ùghdarras ionadail rompa an toiseach £6.1m a chùmhnadh thairis air an ath dhà bhliadhna.
Tha iad an dùil £400,000 a chùmhnadh tro shàbhalaidhean ann an HR.
Thuirt CNES cuideachd gun tàinig orra na sàbhalaidhean a dh'fheumas iad a ghearradh le stiùireadh ionmhais faiceallach agus le airgead a thàinig air ais thuca à staing a' BhCCI.
Mar sin, às dèidh dhaibh dearbhadh fhaighinn air an airgead a gheibh comhairlean na dùthcha bho Riaghaltas na h-Alba, tha CNES a-nise ag amas air £4.885m a chùmhnadh.
Nochd mu 500 duine aig streath choinneamhan air feadh nan Eilean Siar san t-Samhain.
Choinnich a' Chomhairle a-rithist san Dùbhlachd is dh'aontaich buill air na molaidhean deireannach 'son £4.885m a shàbhaladh.
Molaidhean
'S ann air na molaidhean sin a bhios am poball a' beachdachadh aig na coinneamhan a leanas:
- Dimàirt 15mh an Dùbhlachd, Sgoil Sir E Scott, An Tairbeart, 7:30f
- Diardaoin 17mh an Dùbhlachd, Talla Bhaile Steòrnabhaigh, 7:30f
- Dimàirt 22mh an Dùbhlachd, Ionad Coimhearsnachd Bhaile Ailein, 7:30f
- Dimàirt 29mh an Dùbhlachd, Talla Bharbhais, 7:30f
- Diardaoin 31mh an Dùbhlachd, Ionad Coimhearsnachd Ùige, 5:30f
- Diardaoin 31mh an Dùbhlachd, Ionad Coimhearsnachd Bheàrnaraigh, 8:00f
Faodar sùil agus beachd a thoirt cuideachd air na molaidhean tro làrach-lion CNES, no le beachd a chur air post-d gu budgetconsultation@cne-siar.gov.uk no le a bhith a' sgrìobhadh gu CNES.
Coinnichidh a' Chomhairle gus am buidseat a stèidheachadh Diardaoin an 14mh den Ghearran is mar sin feumaidh beachdan a bhith a-staigh aca air air 1mh den Ghearran.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Samhain 2012
- Air fhoillseachadh24 An Dàmhair 2012