Iomairt airson Taigh Savile a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-sreap airson 's nach tèid taigh Jimmy Savile ann an Gleann Comhann a leagail.
Dhan-rèir-san bu chòir taigh-tasgaidh a dhèanamh dheth mar urram dhan sreapadair Albannach Seumas MacAonghais a chuir seachad a' mhòr-chuid de a bheatha ann, mus do cheannaich Savile e.
Bho nochd na casaidean gun robh Savile, nach maireann, ri drasbastachd chloinne, chaidh an taigh aige ann an Gleann Comhann a mhilleadh trì tursan.
Tha cuid fiù 's air a ràdh gu bheil iad airson 's gun tèid a leagail.
B' e MacAonghais a dhealbh a' chiad làmhag dheighe air a dèanamh de mheadailt - uidheam a tha luchd-coiseachd agus sgiobannan teasairginn nam beann a' cur gu feum gus an là an-diugh.
Tha am fear-coiseachd ainmeil Cameron McNeish e fhèin air taic a chur ris an iomairt airson taigh-tasgaidh a stèidheachadh san taigh, le uidheamachd MhicAonghais air a taisbeanadh ann.