Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 Am Faoilleach 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Àireamhan na Turasachd

Thuit an àireamh luchd-turais do dh'Alba gu mòr air an t-Samhradh an-uiridh seach mar a bha ann an 2011. Tha figearan ùra bho VisitScotland ag ràdh gun do thuit an àireamh oidhche a chuir luchd-turais seachad an Alba eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain, còrr is 100,000 agus gun do chosg luchd-turais mu £50m nas lugha cuideachd na rinn iad ann an 2011. Dh'aidich VisitScotland aig deireadh an t-Samhraidh mu dheireadh gur e seusan doirbh a bh' ann nuair a dh'ainmich iad £3m airson sanasachd an Fhoghair aca.

An Atmhorachd

Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta nach tèid Clàr RPI, an Retail Price Index - aon tomhas air an atmhorachd - atharrachadh idir. Bha eòlaichean eaconamach den bheachd gum biodh an oifis a' moladh an RPI a thoirt nas fhaisge air an CPI, an Consumer Prices Index, an tomhas as fheàrr leis an Riaghaltas. Bha dragh ann gun toireadh atharrachadh air RPI droch bhuaidh air peinseanan am measg rudan eile.

Caitheamh Bìdh

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil faisg air leth de thoradh bìdh an t-Saoghail ga thilgeil air falbh. Tha Institiùd nan Einnsinìr Mecanigeach ag ràdh gur e droch stòradh, riaghailtean cruaidhe mun cheann-là air biadh a reic anns na bùthainnean, agus cho tarmasach 's a tha daoine as coireach. Agus tha iad ag ràdh gu bheil an t-uabhas uisge ga chur am feum air bàrr airson biadh nach tèid ithe.

Èigneachadh Delhi

Thuirt fear-lagha do chòignear dhaoine a tha fo chasaid gun do dh'èignich agus gun do mhuirt iad boireannach òg ann an New Delhi anns na h-Ìnnseachan, gun deach aideachadh a thoirt àsta le fòirneart agus droch dhìol. Tha na fir mu choinneimh na cùirte ann an New Delhi an-diugh a-rithist.

Tesco

Thuirt Tesco gun deach reic anns na bùthainnean aca a th' air a bhith fosgailte còrr is bliadhna suas 1.8% sna sia seachdainnean mu dheireadh an-uiridh. Bha an àireamh sin sìos 2.3% aig an aon àm ann an 2011.

Uibhist a Tuath

Bhòt muinntir Uibhist a Tuath an-raoir airson bun-sgoile ùire san sgìre. Bha coinneamh phoblach ann an Càirinis a' deasbad am bu chòir na bun-sgoiltean ann an Loch nam Madadh, Paibeil agus Càirinis a dhùnadh agus tè ùr a thogail nan àite. Bha a h-uile duine airson sgoile ùire, ged nach do dh'aontaich iad fhathast càite am biodh i.

Tuathan-gaoithe 's an MOD

Tha Buidheann-Ghnìomha Raon Rocaid Uibhist a' coinneachadh ri riochdairean bho Mhinistearachd an Dìon an-diugh 's iad ag ràdh gu bheil an MOD a' cur an aghaidh a h-uile iarrtais cead-dealbhachaidh do thuathan-gaoithe ann an Uibhist is Beinn nam Fadhla. Tha a' Bhuidheann-Ghnìomha ag ràdh nach eil an MOD ag innse gu mionaideach dè th' aca nan aghaidh.